bu-choir-leaflet

greenyes2014

bu-choir-leaflet

BU

CHÒIR

GLAC AN COTHROM

‘Tha an referendum air 18 Sultain na cothrom faighneachd dhinn

fhèin dè an seòrsa dùthcha anns a bheil sinn ag iarraidh fuireach.

Dh’fhàg ar siostam poiliteagach mòran dhaoine searbhasach,

dìreach mar a dh’fhàg ar siostam eaconomach an RA mar aon de na

dùthchannan as neo-ionnaine air a’ phlanaid.

Chan eil na h-Uainich ag iarraidh neo-eisimileachd air a son fhèin.

Tha cothrom againn cultar poiliteagach eadar-dhealaichte

a chruthachadh - fear a tha comasach air Alba

atharrachadh gu tur.

Patrick Harvie MSP


THA BU CHÒIR UAINE A’ CIALLACHADH

EACONAMAIDH AIRSON CO-IONNANACHD

Le bhith a’ gabhail làn smachd air na cumhachdan eaconamach gheibh sinn

cuideachadh ann a bhith a’ dùnadh na beàirn leantainnich eadar na beartaich agus

na bochdaich.

SOCHAIREAN AGUS OBAIR

Tha na h-Uainich a’ cur an làn taic ri tuarastal beòshlainte airson a h-uile duine agus

co-mheasan tuarastail gus ceangal a dhèanamh eadar teachd-a-steach na feadhna

as àirde tuarastal agus na feadhna as ìsle. Cuiridh sinn air adhart Teachd a-steach

an t-Saoranaich gus taic a thoirt dhan a h-uile duine an taghaidhean beatha fhèin a

dhèanamh, agus ath-nuadhachadh stàit nan sochairean.

CÌSEAN NAS COTHROMAICHE AIRSON SEIRBHEISEAN POBLACH NAS FHEÀRR

Bidh na h-Uainich ag obair gus seirbheisean poblach sàr-chudromach a dhìon le

bhith a’ cur às de na tairbhean chìsean airson uachdarain agus companaidhean

mòra, agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gum pàigh na beartaich mar bu chòir.

Photo: Jenni Douglas

DEMOCRASAIDH GA ATH-NUADHACHADH

A’ SGAOILEADH CUMHACHD

An dèidh neo-eisimileachd,

feumaidh sinn cumhachd a thoirt do

choimhearsnachdan los gun urrainn

dhaibh co-dhùnaidhean a dhèanamh

a tha ag obair dhaibh. Chan eil sinn

dìreach ag iarraidh Westminster beag

ann an Dùn Èideann.

BUN-STÈIDH AIR A

CHRUTHACHADH LEIS AN

T-SLUAGH

Tha na h-Uainich ag iarraidh pròiseas

fosgailte airson sgrìobhadh bun-stèidh

a tha a’ cur an cèill ar luachan is ar

còirichean bunaiteach.


A’ CRUTH-ATHARRACHADH

AR N-ÀRAINNEACHD

Le bhith a’ faighinn làn fharsaingeachd chumhachdan eaconomach agus

poiliteagach thèid againn air dòigh-obrach nas dàna, nas co-cheangailte ri

dùbhlain àrainneachd na h-Alba a dhealbhadh.

RÈABHLAID LÙTHA ATH-NUADHACHAIL

Ma tha sinn ag iarraidh planaid anns an urrainn na ginealaichean a tha romhainn

fuireach, tha saidheans a’ toirt oirnn cuid de na connaidhean fosail againn fhàgail

anns an talamh.

Le làn smachd air na stòrasan againn, faodaidh Alba am beartas seo a chleachdadh

mar inneal a bheir sinn air adhart gu àm ri teachd carboin-ìosal.

Tha na h-Uainich ag iarraidh companaidh lùtha an sealbh poblach a tha cur airgead

ann an lùth ath-nuadhachail gus buannachdan eaconomach fhaighinn airson ar

saoranaich.

Photo: Ian Carroll

Photo: Andrea Nardi

AG ATH-BHEÒTHACHADH NA BEATHA DÙTHCHAIL

Tha 95% de dh’fhearann na h-Alba air a mheas dùthchail, agus tha an eaconamaidh,

àrainneachdan agus cultar dùthchail airidh air barrachd aire. ‘S ann aig Alba a tha

na h-ìrean maoineachaidh leasachaidh dhùthchail as ìsle san AE. Bheireadh bhòt Bu

Chòir dhuinn cathair aig a’ bhòrd Eòrpach gus aonta na b’ fheàrr a ruighinn.

Nì na h-Uainich argamaid airson ath-leasachadh fearainn nas dàna agus airson taic

do ghnìomhachasan is coimhearsnachdan dùthchail.

Airson deasbad nas iomlaine air an àrainneachd agus neo-eisimileachd, faic an

‘Referendum Challenge’ aig Ceangal na h-Àrainneachd Albannaich aig

www.scotlink.org


FÒRSA AIRSON SÌTH

ALBA SHAOR DE DH’ARMACHD NIÙCLASACH A THOIRT GU BUIL

‘S e an referendum an cothrom as fheàrr a bh’ ann riamh Trident a thoirt a-mach às

na h-uisgeachan againn agus spionnadh a thoirt don fheadhainn anns a’ chòrr den

RA agus air feadh an t-saoghail a tha ag obair a dh’ionnsaigh dì-armachadh.

Bheir na h-Uainich taic do chasg bun-reachdail air armachd lèir-sgrios agus

seasaidh sinn an aghaidh ballrachd sa chàirdeas niùclasach NATO.

TÈARAINTEACHD CHRUINNEIL AN DA-RÌRIBH

Tha na bagairtean an da-rìribh do thèarainteachd agus maith mhic an duine

san 21mh linn co-cheangailte ri fearann, uisge, cumhachd, gnàth-shìde agus

anaceartas cruinneil, is chan ann ri dìon chrìochan eadar dùthchannan càirdeil.

Bidh na h-Uainich ag iomairt airson Alba a chuireas na prìomhachasan seo air

thoiseach air mòr-chosg air armachd.

FÀILTE DHAN DÙTHAICH AGAINN

Tha in-imrich a’ toirt bhuannachdan dhan eaconomaidh againn agus beartas

dhan chultar againn, ach tha am poileasaidh ceannsalach agus neo-èifeachdach

Buidheann Crìochan na RA a’ fàilligeadh feumalachdan na h-Alba, a’ sgaradh na

dùthcha agus a’ sgaoileadh eagal.

‘S e dìreach neo-eisimileachd a bheir cothrom dhuinn air siostaman in-imrich is

comraich fhèin a thogail, le iochd agus cùram aig an cridhe.

Faodar tionndadh leudaichte den lèirsinn Uaine a luchdachadh a-nuas aig:

www.greenyes.info

@GreenYes2014

facebook.com/GreenYes2014

Bathar-reic ri òrdachadh aig scottishgreenparty.tictail.com

Foillsichte le Scottish Green Party

Clò-bhuailte le Cowan Print, 23 Brougham Street, Tollcross, Edinburgh, Lothian EH3 9JS

More magazines by this user
Similar magazines