Views
3 years ago

bu-choir-leaflet

bu-choir-leaflet

THA BU CHÒIR UAINE A’

THA BU CHÒIR UAINE A’ CIALLACHADH EACONAMAIDH AIRSON CO-IONNANACHD Le bhith a’ gabhail làn smachd air na cumhachdan eaconamach gheibh sinn cuideachadh ann a bhith a’ dùnadh na beàirn leantainnich eadar na beartaich agus na bochdaich. SOCHAIREAN AGUS OBAIR Tha na h-Uainich a’ cur an làn taic ri tuarastal beòshlainte airson a h-uile duine agus co-mheasan tuarastail gus ceangal a dhèanamh eadar teachd-a-steach na feadhna as àirde tuarastal agus na feadhna as ìsle. Cuiridh sinn air adhart Teachd a-steach an t-Saoranaich gus taic a thoirt dhan a h-uile duine an taghaidhean beatha fhèin a dhèanamh, agus ath-nuadhachadh stàit nan sochairean. CÌSEAN NAS COTHROMAICHE AIRSON SEIRBHEISEAN POBLACH NAS FHEÀRR Bidh na h-Uainich ag obair gus seirbheisean poblach sàr-chudromach a dhìon le bhith a’ cur às de na tairbhean chìsean airson uachdarain agus companaidhean mòra, agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gum pàigh na beartaich mar bu chòir. Photo: Jenni Douglas DEMOCRASAIDH GA ATH-NUADHACHADH A’ SGAOILEADH CUMHACHD An dèidh neo-eisimileachd, feumaidh sinn cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan los gun urrainn dhaibh co-dhùnaidhean a dhèanamh a tha ag obair dhaibh. Chan eil sinn dìreach ag iarraidh Westminster beag ann an Dùn Èideann. BUN-STÈIDH AIR A CHRUTHACHADH LEIS AN T-SLUAGH Tha na h-Uainich ag iarraidh pròiseas fosgailte airson sgrìobhadh bun-stèidh a tha a’ cur an cèill ar luachan is ar còirichean bunaiteach.

A’ CRUTH-ATHARRACHADH AR N-ÀRAINNEACHD Le bhith a’ faighinn làn fharsaingeachd chumhachdan eaconomach agus poiliteagach thèid againn air dòigh-obrach nas dàna, nas co-cheangailte ri dùbhlain àrainneachd na h-Alba a dhealbhadh. RÈABHLAID LÙTHA ATH-NUADHACHAIL Ma tha sinn ag iarraidh planaid anns an urrainn na ginealaichean a tha romhainn fuireach, tha saidheans a’ toirt oirnn cuid de na connaidhean fosail againn fhàgail anns an talamh. Le làn smachd air na stòrasan againn, faodaidh Alba am beartas seo a chleachdadh mar inneal a bheir sinn air adhart gu àm ri teachd carboin-ìosal. Tha na h-Uainich ag iarraidh companaidh lùtha an sealbh poblach a tha cur airgead ann an lùth ath-nuadhachail gus buannachdan eaconomach fhaighinn airson ar saoranaich. Photo: Ian Carroll Photo: Andrea Nardi AG ATH-BHEÒTHACHADH NA BEATHA DÙTHCHAIL Tha 95% de dh’fhearann na h-Alba air a mheas dùthchail, agus tha an eaconamaidh, àrainneachdan agus cultar dùthchail airidh air barrachd aire. ‘S ann aig Alba a tha na h-ìrean maoineachaidh leasachaidh dhùthchail as ìsle san AE. Bheireadh bhòt Bu Chòir dhuinn cathair aig a’ bhòrd Eòrpach gus aonta na b’ fheàrr a ruighinn. Nì na h-Uainich argamaid airson ath-leasachadh fearainn nas dàna agus airson taic do ghnìomhachasan is coimhearsnachdan dùthchail. Airson deasbad nas iomlaine air an àrainneachd agus neo-eisimileachd, faic an ‘Referendum Challenge’ aig Ceangal na h-Àrainneachd Albannaich aig www.scotlink.org

Alba-Chruthachail-Plana-Bliadhnail-2014-15
Plana Canain Naiseanta Gaidhlig 2012 - 2017
An Lùnastal 08 (PDF) - Fòram na Gàidhlig
An t-Samhain 08 (PDF) - Fòram na Gàidhlig
An t-Iuchar 2008 - Fòram na Gàidhlig
Geammhradh 2010 - Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
AN CUNNTAS DE DH'ÀRAICHEAN ... - Historic Scotland
An Giblean (PDF, 1.21 MB) - Fòram na Gàidhlig
An t-Sultain 2008 - Fòram na Gàidhlig
An Dùbhlachd (PDF, 936 KB) - Fòram na Gàidhlig
Am Faoilleach 08 (PDF) - Fòram na Gàidhlig
An Gearran (PDF, 1.75 MB) - Fòram na Gàidhlig
Am Faoilleach (PDF, 1.27 MB) - Fòram na Gàidhlig
An Giblean 2007 - Fòram na Gàidhlig
An Dùbhlachd (PDF, 1.71 MB) - Fòram na Gàidhlig
Am Màrt (PDF, 787 KB) - Fòram na Gàidhlig
An Giblean 2008 - Fòram na Gàidhlig
An t-Sultain 07 (PDF) - Fòram na Gàidhlig
Am Màrt (PDF, 2.61 MB) - Fòram na Gàidhlig
Leaflet SA2925_02 Released Czech Republic (Czech ... - EVA.cz
An t-Ògmhios (PDF, 1.20 MB) - Fòram na Gàidhlig