Cuibhle an Fhortain le Morag Law sampler
An Dàn. Dìomhair, neo-aithnichte is uaireannan gu MÒRAG LAW math cruaidh. Cò nar measg nach do dh’fhuiling buaidh an Dàin air ar beatha? Anns a’ chruinneachadh seo tha iomadach caractar a’ strì leis na dùbhlanan a tha an Dàn a’ tilgeil nan rathad. Gu tric bidh na sgeulachdan aca gar fàgail le ceistean mun àm ri teachd, ’s iad a’ cur cuideam air dè cho caochlaideach is mì-chinnteach ’s a tha beatha mac an duine ’s gun fhios aig duine againn dè tha air thoiseach oirnn.

Create successful ePaper yourself
Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.
mòrag law

a’ chidsin bha Mags a’ dèanamh nam mìorbhailean leis

a’ bhiadh mhath ionadail fhad ’s a bha Pete na ‘maître

d’hôtel’ aoigheil, càirdeil. Às dèidh mìos no dhà, nuair a

fhuair iad a-mach gun robh buidheann charthannais airson

leigheas-aillse anns an sgìre thòisich iad air oidhcheannan

sònraichte a chur air dòigh far an robh na prothaidean uile

a’ dol dhan charthannas.

Bha Pete air a dhòigh glan leis a’ bheatha ùir ’s e

a’ faireachdainn mar phàirt de choimhearsnachd an eilein

agus, aig an aon àm, gun robh e a’ toirt rudeigin air ais dhi,

dìreach mar a gheall e nuair a bha Mags cho bochd. Bha ise

slàn agus làidir a-rithist, a’ fàs na bu bhrèagha agus na bu

tharraingich gach là agus bha an dithis aca cheart cho sona

’s a bha iad anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Chòrd an t-eilean fhèin riutha gu mòr cuideachd. Na

beanntan àrda, na tràighean fada bàna, an t-sìth is an t-sàmhchair,

gu h-àraidh as t-fhoghar no anns a’ gheamhradh nuair

a bha an gnìomhachas na bu shlaodaiche agus ùine aca a dhol

a-mach airson chuairtean air feadh an àite. Chaidh trì

bliadhnaichean soirbheachail seachad gus, mu dheireadh

thall, a chuir iad romhpa pìos fearainn a cheannach airson

taigh a thogail dhaibh fhèin, oir mar a bha Pete an-còmhnaidh

ag ràdh, ‘’S e pìos beag de Phàrras a th’ anns an àite seo, ’s tha

mi airson fuireach ann gu bràth tuilleadh!’

Bha Pete a-nis thairis air trì fichead agus ged a bha an

obair fhathast a’ còrdadh ris, bha e a’ smaoineachadh an

taigh-bìdh a chur air a’ mhargaidh a-rithist. B’ e gnìomhachas

gu math buidhneach a bh’ ann a-nis agus mar sin cha robh

e fhèin no Mags a’ creidsinn gum biodh e duilich idir dhaibh

a reic.

Ach cha b’ ann mar sin a chaidh cùisean idir.

16