14.12.2021 Views

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

dòrlach sìl

Bha an taghadh pàrlamaid airson 2001 seachad. Bha na

Làbaraich fo stiùir Thònaidh Blair air a’ chùis a dhèanamh air na

Tòraidhean a-rithist, an turas seo le còrr agus ceud de mhòr-chuid.

Bha an dithis aca a’ faireachdainn leamh.

Rinn i gàire. ‘Na gabh dragh, cha do rinn iad a’ chùis ann an

Henley. Tha ball-pàrlamaid math againne.’

Rinn e snodha-gàire air ais. ‘Tha thu ceart, tha mi uabhasach

dòchasach mu dheidhinn Boris. Bidh e na phrìomhaire aon latha

tha mi cinnteach.’

‘Tha e comasach, agus làn spòrs cuideachd,’ dh’aontaich i.

Bha a làmh air ceann Hopper agus i ga shlìobadh.

Ghabh e drùdhag bheag den uisge-bheatha. Thàinig e a-nall

chun an t-sòfa ri a taobh.

‘Cuir do làmh air mo mhionach,’ thuirt i, ‘fairichidh tu an

gluasad, nach fhairich?’

Rinn e mar a thuirt i. Bha gluasad ann ceart gu leòr.

‘Ach trobhad ort, a ghràidh, dè an t-ainm a tha sinn a’ dol a

thoirt air no oirre?’

Gu ruige sin, cha robh iad air mòran smaoineachaidh a

dhèanamh mu dheidhinn ainm.

‘Boris, thuirt e gun dàil, dè mu dheidhinn Boris, solas ann am

meadhan an dorchadais.’

Smaoinich i gur e ainm math a bhiodh ann. Dh’fheuch i ri

smaoineachadh air cò ris a bhiodh e coltach nam biodh gille aice,

cò ris a bhiodh e coltach ag ràdh Boris ris. Chan e ainm cumanta a

bh’ ann. An e clach a bhiodh ann mu amhaich? Ach bha fios aice

gun robh meas mòr aig an duine aice air Boris, am ball-pàrlamaid

aca. Bha e cho math air bruidhinn, beothail, làn spòrs agus bha e

gu mòr air taobh a h-uile càil anns an robh iad fhèin a’ creidsinn.

’S e aon dhiubh fhèin a bh’ ann.

Gu tric nuair a bhiodh Alan air falbh fad an latha aig obair sa

bhaile-mhòr bhiodh i a’ coimhead a-mach air a’ ghàrradh mhòr

fharsaing aca. Agus seachad air sin an Thames a’ ruith cho ciùin.

26

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!