14.12.2021 Views

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

Dòrlach Sìl by Maoilios Caimbeul sampler

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

uinidh maoilios caimbeul do Stafainn san Eilean Sgitheanach

far an do rugadh e, ged a tha ceangal aige cuideachd ri Nis ann an

Leòdhas, an sgìre às an robh athair. Bha e a’ teagasg Gàidhlig san

Àrd-sgoil airson bhliadhnaichean. Leig e dheth a dhreuchd ann an

2004 agus on uair sin tha e air a bhith ag obair bhon taigh.

Tha e air a bhith a’ sgrìobhadh bàrdachd, nobhailean do dh’òigridh

agus sgeulachdan goirid o chionn fhada. Nochd na sgeulachdan goirid

aige ann an irisean mar Steall agus Northwords Now/Tuath. Tha e

air ochd nobhailean cloinne a sgrìobhadh agus mòran leabhraichean

bàrdachd. Bhuannaich an nobhail mu dheireadh a sgrìobh e, An

Triùir agus Lùbag, an duais aig Mòd Loch Abar ann an 2017 airson

an leabhar a b’ fheàrr airson òigridh ‘a chaidh a chur an clò thairis air

a bhliadhna a chaidh seachad’. Fhuair an leabhran bàrdachd Gràs/

Grace an dàrna àite ann an ‘Duais Dhòmhnaill Meek’ ann an 2019.

Tha nobhail òigridh, Moilidh agus Doilidh: Na Fuadaichean bho

Shealladh nan Caorach, a’ feitheamh ri a foillseachadh.

Tha Maoilios air a bhith na bhàrd urramach aig Comann

Gàidhlig Inbhir Nis bho 2012. Tha e na chompanach urramach den

asls. Bha e air a chrùnadh mar bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich

ann an 2002.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!