The Nature of Scotland â Autumn 2011 â Issue 13
The Nature of Scotland â Autumn 2011 â Issue 13
The Nature of Scotland â Autumn 2011 â Issue 13
You also want an ePaper? Increase the reach of your titles
YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.
Dualchas coitcheann

Common heritage

Why does the famous Corryvreckan whirlpool off

the west coast boast a name that reminds us of the

bowl-shaped features cut into thousands of Scottish

hills and mountains during the Ice Age? As Ruairidh

MacIlleathain explains, the answer lies in the original

meaning of the Gaelic word coire, which has been

borrowed into English as ‘corrie’ or ‘corry’

Coire-mara a’ phrionnsa

’S e ciall thùsail an fhacail ‘coire’ an soitheach a chuireadh ar sinnsirean air an teine airson biadh a

chòcaireachd no uisge a ghoil. Tha e soilleir mar a chaidh ‘coire’ a chleachdadh airson kettle cuideachd

– bhiodh na seann Ghàidheil ag ràdh “Cuir an coire air” direach mar a tha sinne, ged as ann air an

teine a rachadh e! Bha na ‘bobhlaichean’ mòra sna cnuic is beanntan, a chaidh a shnaigheadh le deigh

ann an Linn na Deighe, car coltach ri coireachan na dachaigh ann an cumadh, agus chaidh ciall ùr a

thoirt don fhacal anns an àrainneachd a-muigh.

Tha na ceudan, mura h-eil mìltean, de choireachan ann an Alba, agus tha a leithid gu mòr a’

sònrachadh cumadh-tìre na Gàidhealtachd. Tha iad a’ nochdadh gu tric nar bàrdachd cuideachd mar

chuspair molaidh aig na bàird. Nuair a nochd a’ Bheurla air a’ Ghàidhealtachd, bha e nàdarrach gu leòr

dhi am facal ‘coire’ a ghabhail os làimh agus atharrachadh gu corrie (oir cha robh a leithid cho cumanta

ann an dùthaich thùsail na Beurla).

Airson tuigsinn mar a chuireadh an dearbh fhacal gu feum aig muir far cladach Sgarba, feumar

coimhead air an àite nuair a tha an sruth-mara aig àirde, oir chithear fear de na cuairt-shruthan as

laidire anns an t-saoghal. Bidh a’ mhuir a’ “goil” mar a bhios uisge a’ goil ann an coire, agus ’s e sin as

adhbhar gun do chuir na seann daoine ‘Coire Bhreacain’ air an àite.

Ach cò no dè a th’ ann am Breacan? A reir beul-aithris (a chaidh a chlàradh cho tràth ri toiseach an

ochdamh linn deug), ’s e prionnsa Lochlannach a bh’ ann a chaidh a bhàthadh anns a’ “choire” a ghabh

ainm. Bha e ann an gaol le nighean aig Tighearna nan Eilean ach bha an ceannard Gàidhealach an

aghaidh a’ phòsaidh. Ge-tà, cha robh e airson fearg a chur air Rìgh Lochlann. Thuirt e ri Breacan, nam

biodh e ag iarraidh a nighean a phòsadh, gu feumadh e a chomas seòlaidh a dhearbhadh le bhith a’

cumail a shoithich aig acair airson trì latha is oidhche anns a’ chuairt-shruth ainmeil far Sgarba.

Fhuair Breacan comhairle bho sheann daoine glice ann an Lochlann trì ròpan a thoirt leis. Bha fear

dhiubh air a dhèanamh de chlòimh bho chaoraich nach robh air an rùsgadh roimhe, fear eile de chainb

a bha a’ fàs ann an cladh agus an treas fear a rinneadh de dh’fhalt a bhuineadh do dh’òighean. Airson

an treas ròp a dhèanamh, chaidh falt a chruinneachadh bhon a h-uile òigh ann an Lochlann.

Às dèidh a’ chiad latha de shruthadh na tìde-mara, bhris a’ chiad ròp. Aig deireadh an dàrna latha,

bhris an dàrna rop. Nam biodh a h-uile h-òigh ann an Lochlann air a bhith fìrinneach, bha an treas ròp

air maireachdainn slàn. Ach bha tè dhiubh breugach, bhris an ròp agus chaidh an soitheach fodha le

call Bhreacain agus a h-uile duine eile air bòrd. ’S e cù Bhreacain, an Cù Glas, a-mhàin a mhair beò

tron tubaist. Lorg esan corp a mhaighstir agus tharraing e gu tìr e. Ach thill an cù gu muir agus chaidh

a bhàthadh gu tuath air Sgarba ann an caolas mara ris an canar fhathast ‘Bealach a’ Choin Ghlais’.

30

The Nature of Scotland