12.07.2015 Views

Ag innse Sgeulachd na h-Alba - Society of Antiquaries of Scotland

Ag innse Sgeulachd na h-Alba - Society of Antiquaries of Scotland

Ag innse Sgeulachd na h-Alba - Society of Antiquaries of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS
• No tags were found...

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

BAILE NAM FEUSGAN AGUS DIOMHAIREACHDANMHITHRAISCIAMAR A THA SINN A’ FAIGHINN TUIGSE AIRCREIDEAMHAN ÀRSAIDH BHO NA NITHEAN ADH’FHÀG IAD NAN DÈIDH?....‘S DÒCHA GU BHEIL DEISCIOBAL ÙR A’ TÒISEACHADH RIEÒLAS FHAIGHINN AIR ‘DÌOMHAIREACHDAN’ MHITHRAIS…!...FON TALAMH, ANN AN DUIBHRE SEÒMAIRSEILEARACH, THA DEAS-GHNÀTH TREUBHCRÀBHAIDH DÌOMHAIR A’ GABHAIL ÀITE...!‘S E AN DARA LINN AC A TH’ANN ANN AN ROINN TUATHAIL DE DH’ÌMPIREACHD NA RÒIMH .Tha buidheann dhaoine, a’ chuid mhòr dhiubh saighdearan, a’ dèanamh an slighe fon talamh a-steach do dhuibhreseileir. Aig a’ cheann as fhaide air falbh den t-seilear tha lasadh socair ri fhaicinn. Mar as fhaisge a tha iad a’tighinn tha iad a’ faicinn gràbhaladh mòr cloiche de dh’aodann duine. Tha solas coinneil a’ deàrrsadh bho bheul is bhoshùilean, a’ sgaoileadh a-mach mar bhuaileag timcheall a chinn. Os a chionn tha loidhne de ghràbhalaidhean nas lugha _snaigheadaireachdan de chinn ceathrar bhoireannach, a’ riochdachadh nan ràithean. Tha flùraichean a’ sgeadachadh falt anEarraich is an t-Samhraidh; tha cearcall de dh’fhìon-dhearcan mu cheann an Fhoghair; agus tha seàla timcheall air guailneana’ Gheamhraidh. Tha an solas priobach a’ laighe air clach altaireach eile. Ann an sgrìobhadh mòr Laidinn tha ainm - ‘GaiusCassius Flavianus’ _ agus coisrigeadh: ‘Dha Mithras, An Dia Neo-cheannsaichte’.Tha deas-ghnàth treubh cràbhaidh dìomhaira’ gabhail àite. ‘S dòcha gu bheil deisciobalùr a’ tòiseachadh a’ faighinn eòlas air‘dìomhaireachdan’ Mhithrais _ a chiad cheuma-steach dha na seachd inbhean a th’ aigan fheadhainn a tha ‘aonaichte tro chrathadhlàimhe’. No ‘s dòcha gu bheilear a’ cumailcuirm. Chan fhaighear a-mach gu bràth bhona daoine a tha a’ gabhail pàirt. ‘S i ciadriaghailt nan ‘dìomhaireachdan’: cha bhruidhinnthu mu na ‘dìomhaireachdan’. Bidh na tha a’tachairt fon talamh a’ fuireach fon talamh.Chan eil scrioptairean aig a’ chreideamh seo.A dh’aindeoin sin, tro shaoghal nan Ròmanach,tha sacramaidean, rin canar Mithraea, a’ dolair adhart ann am mìltean de theampaill fontalamh _ agus tha an treubh a’ leudachadh. Thacuid eadhon a’ beachdachadh gur dòcha gumfaodadh e fàs gu bhith na phrìomh chreideamhsan Ìmpireachd.‘S E 2010 A TH’ANN ANN AM BAILE NAMFEUSGAN ANN AN LODAINN AN EAR .Ann an oir de Phàirc Phoblach Lewisvale,tha obair air pàillean ùr criogait dìreachgus tòiseachadh. Tha arceòlaichean a’gabhail os làimh sgrùdadh àbhaisteach denstèidh nuair a nochdas rudeigin ris nachrobh dùil a-mach às an talamh. Tha dà leacmhòr cloiche nan laighe taobh ri taobh.Mar a tha iad a’ cladhach nas doimhnedhan talamh is a’ sguabadh an t-salchairair falbh, tha na h-arceòlaichean a’ toirtclàran cliathaich le gràbhaladh sòghail amfollais. Tha iad a’ smaoineachadh gu bheiliad air lorg fhaighinn air paidhir de chlachanaltaireach àrsaidh, sgàinte is briste ochionn fhada. Tha coltas air na leacan gundeach an leagail is an adhlacadh air ambeul fodha agus gus milleadh a bharrachda sheachnadh feumar an toirt às agus angleidheadh gu cùramach.Mar phàirt den ghlèidhteachas thathasa’ stòradh nan leacan airson faisg airbliadhna. Airson na h-ùine sin, tha natha air beulaibh nan leacan altaireachna dhìomhaireachd. Agus an uairsin, mudheireadh thall, tha iad deiseil gu bhith airan tionndadh. Tha na mullaich làn salchair.Tha an obair glanaidh mionaideach. Thae a’ toirt seachdainean, a’ gluasad bhosguabadh tioram gu bhith gan suathadh leuisge grùidearachdail. Air a’ chiad chloich,tha sgrìobhadh gràbhalaichte Laidinn a’nochdadh. Seach gu bheil iad ag obairbhon bhonn gun mhullach, ‘s e deireadh nanlitrichean a tha a’ nochdadh an toiseach.Nuair a thathas air an talamh a ghlanadhair falbh mu dheireadh is a tha an sgrìobhadhfaicsinneach tha eòlaiche ga thoirta-steach airson eadar-theangachadh.Tha ainm ann - ‘Gaius Cassius Flavianus’_ agus coisrigeadh: ‘Dha Mithras, An DiaNeo-cheannsaichte’....Mar iomadh dia roimhe is na dhèidh, cha robhMithras, aig a’ cheann thall neo-cheannsaichte.Ann an saoghal an latha an-diugh, chan eilmòran air cluinntinn mu dheidhinn. Ach bhonchiad linn gun cheathramh linn AC, bha ancreideamh aige a’ leudachadh _ creideamhdhaoine bho na h-inbhean a b’ ìsle,shaighdearan, cheannaichean is bhiurocratanna Ròimh. A rèir sgeulachd a thùis, rugadhMithras bho chreig, rùisgte ach a-mhàin lebiodag agus currac Phrygian. Ghlac e tarbhnaomh, fhuair e làmh an uachdair air agusmharbh e e le dearbhadh neirt, a’ saoradhcumhachd, lùth, beathalachd is beatha dhant-saoghal. Mar comharrachadh dh’ith e antarbh aig cuirm còmhla ri Sol, dia na grèine.Seach gur e treubh dìomhair a bh’ ann amMithraism tha a’ chuid mhòr den fhiosrachadha th’ againn mu dheidhinn a’ tighinn bho bhuillis fuidhleach bhriste. Dha arceòlaichean, thabhith a’ tighinn gu tuigse mar a bhith ag obairair mìrean-measgaichte uabhasach mòr _ fara bheil cha mhòr na pìosan uile air an call.Agus sin as coireach gu bheil na chaidh a lorgann am Baile nam Feusgan cho cudromach guh-eadar-nàiseanta. A-nise, airson a’ chiaduair, tha fios againn gun ràinig luchd-adhraidhMhithrais cho fada ri Alba agus gu fìor iomallÌmpireachd na Ròimhe. Tha fios againn gunrobh ceannard-ceud sònraichte, rin canar GaiusCassius Flavianus a’ toirt cùmhnant seachadairson clachan altaireach. Agus tha na clachaniongantach sin againn airson an gleidheadh isan sgrùdadh - na dearbh chlachan a chunnaicdìomhaireachdan Mhithrais o chionn faisg airmìle bliadhna.‘S e a’ bhith a’ lorg airson creideamhan caillteaon de na gnìomhan as inntinniche is asdùbhlanaiche ann an arceòlas. Ciamar a chuireastu ri chèile deas-ghnàthan is creideamhanàrsaidh, nuair nach eil càil agad airsonstiùireadh ach altairean sgàinte Ròmanach,samhlaidhean falaichte mar snaigheadaireachdannan Cruithneach, no tursachan trèigte Leòdhaisis Arcaibh? Smaoinich ciamar a dh’oibricheadhtu a-mach sgeulachd na Crìosdaidheachd bhoabaidean is manachainnean falamh Crìochan nah-Alba a-mhàin.Ach nuair a tha an fhianais cho gann, tha ea’ ciallachadh gu bheil comasachd aig gachnì ùr a thèid a lorg, ar tuigse mun àm adh’fhalbh atharrachadh gu tur. Tha fuasgladhan-còmhnaidh a’ feitheamh, ann an àiteigin fontalamh.Chan ann dìreach a’ draghadh chlachan às antalamh a tha arceòlaichean: tha iad a’ toirtcreideamh agus gnàth-theagasg am follais. Thaiad a’ nochdadh nèamh agus ifrinn. Agus tha iada’ toirt nan Diathan am follais.10 Ag Innse Sgeulachd Na H-AlbaScARF...‘S I CIAD RIAGHAILT NAN ‘DÌOMHAIREACHDAN’:CHA BHRUIDHINN THU MU NA ‘DÌOMHAIREACHDAN’…

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!