29.11.2014 Views

May - the Free Presbyterian church of Scotland

May - the Free Presbyterian church of Scotland

May - the Free Presbyterian church of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Urr. R. Fiunlason.

B'e cheud chomhairle thug a' martireach Urramach Gillecriosd

Macionmhuinn (Ch. Love) bha 'n Lunain, air a mhnaoi 'sa litir

mu dheireadha sgriobh e ga h-ionnsuidh mu'n do chuireadh gu

bas e. " Buanaich fo eisdeachd theachdairean a tha fallain ann

an teagasg, 'sa rannsaicheas a chogais. O! tha moran mhealltairean

air adhol a mach do'n t-saoghal, ach is' aithne do chao~aich

Chriosd a ghuth, agus cha lean iad coigreach. Eisd Ministir air

bith, tha teagasg slighe na firinn gu ceart, agus lean comhairle

Sholamh." Gnath xix. 27.

An deigh an ullachadh ghnathaichte, chaidh e mar fhoghlumach,

gu Ard-oil-thigh an Righ, ann an Abereadhain, agus nochd Dr.

lain Tulloch gu sonraichte, caoimhneas nach bu bheag dha. Aig

an am sin bha e na lagh, gu feumadh gach foghlumach dhol air an

t-Sabaid do'n Eaglais a bha 'm Fear-teagaSg fo 'n"o e, a frithealadh.

An deigh frithealadh beagan shabaidean be beachd Mhr.

Fiunlason gu'm bidheadh e na bu bhuanachdaile dha bhi 'g

eisdeachd ann an aite eile. Dh'iarr e, agus thugadh cead -dha le

Ard-Chomhairle, an Ard-thigh-oilean, dhol dh'eisdeachd far am bu

roghnuiche leis. Chur e mios mor air an t-saorsa so, agus bha e

na bheannachd dha. Air ball chaidh e dh'eisdeachd Dr. Kidd a

bha ro ainmeil mar shearmoiniche, bha'n eaglais aige lan 'us a' cur

thairis gach Sabaid, bha moran air an tarruing gu'n teagamh le a

dhoigh neonach, ach bha cuid eile air an taladh le a dhillseaclTd

mar mhinisteir foghainteach a cho-cheangail nuaidh.

Theireadh Mr. Fi.unlason uime-Gu'n robh buadhan inntin ro

fharsuing aige; le greim daingean air teagasgan mor an t-soisgeul,

agus a ghnath a searmoineachadh 0 fhein-fhiosrachadh, 's a cuir

thuige luchd-eisdeachd gu bhi caradh nan teagasgan sin ri'n cridhe,

agus ri'n slighe fein. Aig an am so bha eagal ro mhor air Mr.

Fiunlason mu staid anam' neo-bhasmhor, roimhe so bha agartas

cogais aig, nis agus a ris, ach cha mhaireadh sin fada agus

bhidheadh e an deigh sin, cho michuramach agus a bha e roimh

mu shlainte anama. Bha. nis dearbh·shoilleireachd ro dhruighteach

aige mu pheacadh, gidheadh cha bu dana leis tighin gu

Criosd, smaoineachadh nach ro coir gu leoir aige teachd gu Criosd

do bhrigh nach robh a mhothuchadh air ole a pheacaidh, agus air

cho peacach 's bha efein, domhain gu leoir; bha e tur aineolach

air nadur creidimh ann an Criosd, agus mar thoradh air sin, bha

e mios gum bitheadh e an-dana dha creidsin ann an Criosd, 's bha

eagal air nach robh e measg an t-seorsa pheacaich a bha air an

cuireadh gu Criosd.

Ann a meadhon an tiugh dhorachadais so, 's elan imcheist, 's

am fagus air toirt thairis ann an eudochas, thuit e air leabhar le

Harvey, ris an abrar Theron agus Aspasio, agus chunnaic e ann

an'Theron, ejein le a chuid deasboireachd amharusach, agus leubli

e gu tric na bheachdan, fhior fhaireachdain fein.

Bha'n t-Urramach Seumas Harvey, eadhoin an deigh dha bhi

na shearmoiniche, aineolach air fireantachd Dhe, agus ag iarraidh

fhireantachd fhein a chur air chois, 's cha do striochd e' do

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!