28.11.2012 Views

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

8 Criomagan Litreachais

Bha an t-seachdain fada

gun bhus a bheireadh dhachaigh mi aig crìoch an latha

’s gum faighinn staoigean no iasg saillte –

cha robh fa-near dhomh ach feòil fhuar,

’s an uair sin bleideagan-coirce is ùbhlan geur

le ughagan tana gun bhlas.

Uair gu leth de dh’ionnsachadh is obair-dachaigh

ann an talla mhòr neo-thlachdmhor,

is ficheadan eile mun cuairt orm –

Ò, càit an robh an t-seann sgoil

a bha cho coibhneil, truasail,

’s a bha na pàirt de bheatha gun chianalas?

Bha i cho fada bhuam

ri bhith a’ suidhe nan Highers –

ach fhuair mi tro na Highers

nuair thàinig còig bliadhna fada gu ceann,

’s a thog mi orm gu tuilleadh ionnsachaidh

gu dreuchd mo bheath’ a choileanadh –

’s an-diugh tha mi a’ sgrìobhadh,

seach nach robh bliadhnaichean na sgoile

cho dòrainneach ’s a bha an inntinn òg

bho chionn bhliadhnaichean is còrr

a bha nan dòrainn

ann an dorchadas m’ aineolais.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!