28.11.2012 Views

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

29 Criomagan Litreachais

Aonad 7

Am bi sibh a’ smaoineachadh uair sam bith cò ris a bhiodh e coltach a bhith san sgoil

anns na fìor sheann làithean? Nach tèid sinn cuairt air ais fad mhòran de bhliadhnaichean?

Seadh, gu Linn nan Ròmanach! Leugh an litir a sgrìobh sgoilear Ròmanach chun na sgoile

aige a’ gearan mu na bha aige ri dhèanamh. An dèanadh tusa a leithid an-diugh?

An Ròimh

A Mhaighstirean chòir

Seann Sgoil

A-riamh bhon a bha mi seachd bliadhna a dh’aois, bha tràill a’ tighinn gam iarraidh

glè thràth sa mhadainn, còig làithean san t-seachdain, airson mo thoirt don sgoil.

An uair sin, bidh mi nam shuidhe fad na maidne ag èisteachd ri mo thidsear a’ torman,

agus e a’ feuchainn ri cunntadh, sgrìobhadh agus leughadh ionnsachadh dhomh, chan

ann a-mhàin nar cànan fhìn, ach ann an Greugais cuideachd.

Ach an dèidh dhomh aois aon bliadhna deug a ruighinn, ’s ann a tha cùisean

a’ sìor-fhàs nas miosa. Am-bliadhna, dh’fhàg mo phiuthar an sgoil. Tha i a-nise dà

bhliadhna dheug a dh’aois, agus tha i air pòsadh. Chaidh mise a chur gu tidsear eile.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!