CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann
CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann
CRIOMAGAN LITREACHAIS - Stòrlann
Create successful ePaper yourself
Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.
33 Criomagan Litreachais

Gur tric a leum thu air mo ghlùin

A dhol a dh’imlich m’ aodainn,

A dh’innse dhomh na b’ urrainn dhut

A’ mheud ’s a thug thu gaol dhomh.

Ò, nam biodh agam eadhon aon,

A bheireadh gaol cho buan dhomh,

’S a thug an cuilean beag de ghaol,

B’ e ’n saoghal seo bhiodh luachmhor.

Oir cha robh caraid is cha bhi,

A bha cho dìleas riamh dhomh,

Oir cò e ’n caraid leanadh mi,

Tro iomadh srì is deuchainn?

Oir leanadh tusa mi gu bàs,

Is cha bhiodh sgàth no fiamh ort,

Is dh’imlicheadh tu rithist an làmh

Aig nach biodh tràth de bhiadh dhut.

Ach bhon a dhealaich sinn gu bràth,

’S a thug am bàs ’nis bhuam thu,

Chuir mi clach ort fad’ nas fheàrr

Seadh, briathran bàird mo

dhuanaig.