11.04.2013 Views

Briathrachas Gràmair

Briathrachas Gràmair

Briathrachas Gràmair

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

4. Tuilleadh air litreachadh (more on spelling)

An t-asgair (the apostrophe):

’S e am prionnsabal a th’ air cùlaibh cleachdadh an asgair gu bheil e a’ seasamh airson litir,

no litrichean, nach eil ann (the principle behind the use of the apostrophe is that it stands

for a letter, or letters, which are missing)

1. Tha e a’ seasamh airson an g ann an ag (it stands for the g in ag):

Copyright R. MacLean

tha e a’ falbh bha iad a’ dèanamh sin bidh mi a’ leughadh

NB: Tha beàrn meudachd litreach ann eadar an t-asgair agus toiseach an ath-fhacail

(there is a single space left between the apostrophe and the start of the next word).

2. Chan eil asgair ann a-nise far a bheil ag + riochdair seilbheach + ainmear

gnìomhaireach (there is no longer an apostrophe where there is ag + possessive

pronoun + verbal noun):

mar a bha e a-nis

bha e ’gam iarraidh bha e gam iarraidh

tha mi ’gad mholadh tha mi gad mholadh

tha mi ’gan trèigsinn tha mi gan trèigsinn

3. Tha asgair ann as dèidh dh far a bheil sin a’ comharrachadh an tràtha chaithte ann

an gnìomhair, ach chan eil beàrn ann eadar an t-asgair agus an ath-fhacal (the

apostrophe occurs after dh where it is a marker of the past tense of a verb, but

there is no space between the apostrophe and the next word):

dh’fhalbh e dh’obraich i gu math dh’ith e am buntàta

4. Faodaidh ’s dhol an àite is no agus ann am mòran suidheachaidhean (is and agus

may be replaced by ’s in many situations):

’s dòcha gum bi ’s math gu bheil ’s mise Iain

air ais ’s air adhart ’s truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr

5. Tha asgair a’ seasamh airson “o” anns na riochdairean seilbheach mo agus do ro

fhuaimreag no “f” air a leantainn le fuaimreag. Tha beàrn ann eadar an t-asgair

agus an ath-fhacal (an apostrophe stands for “o” in the possessive pronouns mo

and do before a vowel or “f” followed by a vowel. There is a space between the

apostrophe and the next letter):

m’ athair d’ aodann m’ ad m’ fhalt d’ fhàinne

6. Nuair a facal a tha a’ crìochnachadh ann am fuaimreag air a leantainn le facal a tha

a’ tòiseachadh le fuaimreag, faodaidh asgair a dhol an àite na fuaimreig mu

dheireadh anns a’ chiad fhacal (when a word ending with a vowel is followed by

another word which starts with a vowel, an apostrophe may replace the final vowel

of the first word):

duin’ òg gill’ èasgaidh boinn’ uisge

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!