11.04.2013 Views

Briathrachas Gràmair

Briathrachas Gràmair

Briathrachas Gràmair

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

3. An Tuiseal Tabhartach/Roimhearach

(Dative/Prepositional Case in nouns)

’S e an t-ainm eile a th’ air an tuiseal thabhartach an tuiseal roimhearach air sgàth ’s gur

ann as dèidh roimhear sìmplidh mar as trice a chithear e (the dative case is also known as

the prepositional case because nouns most commonly appear in this case following a

simple preposition).

Roimhearan sìmplidh le ainmear, ach gun alt

(simple prepositions with nouns, but without the article):

Tha na roimhearan sìmplidh ann an dà bhuidhinn:

(the simple prepositions are in 2 groups):

Roimhearan a tha ag Roimhearan nach eil ag

adhbharachadh sèimheachadh adhbharachadh sèimheachadh

(those which cause lenition) (those which do not cause lenition)

Copyright R. MacLean

a à (às)

bho (o) aig

fo air

do ann an (ann am)

de dha*

mu gu

ro le

tro ri

Mar sin, tha sinn a’ faighinn:

a Phort Rìgh à Glaschu

bho bhalaich aig bòrd

fo chùram air beanntan

do chailleachan ann am pailteas

de dhaoine gu madainn

mu dheich le dùrachd

ro mhadainn ri dotairean

tro mheadhan na Gàidhlig

Chan eil e gu diofar co-dhiù tha an t-ainmear fireann no boireann, singilte no iolra (it

makes no difference if the nouns are masculine or feminine, singular or plural)

Cha bhi alt pearsanta air a shèimheachadh as dèidh roimhear sìmplidh (a possessive article

is never lenited by a simple preposition): fo mo chasan, fo do chùram, bho mo

chàirdean, ro mo bhracaist.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!