12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

4 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 5an sgeòil a thigeadh air uachdar anns nan h-amannaud. Is gann a chuala mi a h-aon diubh nachdeachaidh a thoirt gu comh-dhùnadh leis nabriathran so : " An they gae'd on and gae'd on tillthey saw a wee licht; and when they reached thehouse it was inna ; they keekit through the winnockfor fear some ill thing micht be there ; andwhen they saw naethin' but a clean fireside andbig braw bleezin ingle, they lifted the sneck andga'ed in; and after that they leeved happy a' theirdays." Bu shuarach iad an coimeas ris na seannsgeòil Ghallda a tha r'am fhaotainn an leabhraichean,ged b' ann de'n aon ghnè iad. An diugh isgann a tha'n t-iomradh is lugha air an leithid annsan àite 'sam bheil mise chòmhnuidh.Tha na sgeòil Ghaidhealach a nis a' dol eug,mar an ceudna, air an aon seòl, agus, cha'n fhadabhitheas e gus am bi fuigheall sheann sgeul nangleann air cho beag luach ri spruidhleach sheannsgeul na machrach.Bha e 'san dàn gu'n tigeadh an t-atharrachadhsin.'8 ann le cumhachd na cànain Shasunnaich atha an ruaig 'ga cur air na seann sgeòil Ghaidhealach.Gach oilean a tha air a mheas feumail do'nòigridh Ghaidhealaich, 's ann troimh 'n chànain sina theid a sparradh orra. Beus an oid-fhòghluim—'s e sin, mar is trice beus na bana-Ghoill—beus ismò a thig fo aire na h-òigridh; agus's e is mò amhiannaicheas iad aithris. 'Sea' bhuil gu'mbheil dùthchas nan Gaidheal an Albainn 'gamhùchadh, gu sìor's gu sèimh leis a' Ghalldachas,mar mhùchas an dorcha na cnuic air dol fodha do'nghrèin. Agus an cois an dùthchais sin tha'nt-seann sgeulachd a' triall gu tìr na di-chuimhne;agus an sgeulachd ùr a tha tighinn 'na h-àite'sann sgrìobhte air paipear is trice thig i; agus isglè ann amh a gheibhear 'ga h-aithris i. Agus bhona bha sgrìobhadairean Gàidhlig air fàs tearcanns an linn a b' fhaisge d'ar linn fèin, no air antoirt suas do chràbhadh gruamach, cha robh moransgeulachd a' tighinn am mach; agus air feadhaimsir fhada bha bearn mòr an litreachas sgrìobhtena Gàidhlig air a cheann sin.Bha comunn an sud's an so, a bha mòr 'nambeachd fèin, a bha car mothachail air a' chunnarta bh' ann; agus bha iadsan a' gabhail os làimhgrabadh a chur air an dìobairt cànain is dùthchaissin, agus's e an leug-tàlaidh a bh' aca gu dùthchasnan Gaidheal ath-bheothachadh: A' Ghàidhlig atheagasg anns an sgoil. Is fada bho'n cheud uaira chaidh an glaodh sin am mach ; ach gus an àmso cha do bhrosnaich e 'n sluagh gu athchuingedhùrachdach a dheanamh air a shon: agus chamhò a ghluais e bàigh 'nan cridheachan ris anluchd-èighich. Theagamh gu'n d' thug iad fainear,air seòl dìomhair nach do thuig iad fèin, gu'm b'iad a' cheart fheadhainn a bu dèine air cur airaghaidh na cànain Shasunnaich, a bu dùrachdaichemu theagasg na Gàidhlig anns na sgoilean—cha'n eidir d'an cloinn fèin, thugaibh fainear, ach dochloinn dhaoine eile.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!