12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

70 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 71suidh, agus mu'n togadh i a' chìr mhìn, i a thairgseadhna cìr rèidhtich do'n Eachlair-tllair, agusmur gabhadh an Eachlaraich a' chìr uaipe, i 'gatilgeadh uirre.Phill Nighean an Rìgh, 's thug i leatha a' chìrrèidhtich, 's chaidh i do thigh na h-Eachlaraiche.Thuirt an Eachalaraiche rithe mar a thuirt i ri abràithrean, " An tàinig thu, a' ghaoil ? " etc. " Doleithsgeul gabham," etc. "Sin i aig roinn mochoise, 's tog fhèin leat i.""So dhuit-se a' chìr so an tòiseach," thuirtnighean an Rìgh." Thoir thusa leat an dà chìr," thuirt an Eachdraiche.Thilg Nighean an Rìgh a' chir rèidhtich air anEachalair Urlair, J s bhuail i anns an t-sùil i, agusthuit an Eachlaraiche mar gu'm bitheadh i marbh,agus thug Nighean an Rìgh leatha a' chìr, aguschaidh i a dh' ionnsuidh na Banrighinn leatha.Dh' iarr a muime-chìche air Nighean an Rìgh, ia dhol a sìos far an robh tigh na h-Eachlair-Urlair,a sheall am faiceadh i a bràithrean. Thuirt amuime-chìche rithe gu'm faca i a bràithrean aonan dèidh aoin diubh a' dol do thigh na h-Eachlaraiche,agus nach fhaca i a h-aon diubh 'tighinnair an ais. Chaidh an Nighean a sìos, 's chan fhacai gin diubh, agus dh' innis i sin do a muime-chìche.Thuirt a muime-chiche rithe gu'm bu chòiredhaibh dol a dh' ionnsuidh an fhiosaiche a dh ?fheuchainn an innseadh esan daibh, gu de thàinigri ceud mhic an Rìgh. Chaidh Nighean an Rìghagus a muime-chìche a dh' ionnsuidh an fhiosaiche,a sheall am faigheadh iad fios gu dethainig ri Mic an Righ, agus dh' innis amfiosaiche dhaibh gu'n do chuir an Eachlaraiche-Urlair iad ann an riochd fèidh, 's gu'n d'fhalbh iadfiadhaich (sic) ris a' bheinn, 's gu'n do chuir iad,gach aon diubh, tri bruchdan de fhuil an cridhe amach mu choinneamh uinneag na h-Eachalair-Urlair, 's gu'm bu chòir do am piuthair, sin athogail, agus fuil gach aoin diubh, a chur air lethann am breid, agus a ghlèidheadh gus am faiceadhi iad, agus a thoirt daibh ri òl, agus an sin, gu'mb'urrainn daibh fèin an uireasan innseadh. Chaidhan sin, Nighean an Rìgh, agus a muime-chìche adh' ionnsuidh thigh na h-Eachlaraiche. Shealliad aig taobh a mach na h-uinneige, agus chunnaiciad fuil nan cridheachan aig Clann an Rìgh; agusthog am piuthair an fhuil, agus ghlèidh i fuil gachaon diubh air leth ann am breid. Chaidh i fhèinagus a muime chìche air an ais a dh' ionnsuidhan fhiosaiche, a dh' fhaotainn tuilleadh sgeòil airMic an Rìgh, agus dh' innis am fiosaiche daibh,gu'n deach a' Chlann aig an Rìgh do bheinn d'amb'ainm a' Bheinn Ard; gu'n robh creag àrd aigiochdar na beinne, agus gu'n robh famhair ann risan canadh " Famhair nan seachd bliadhna," agusgu'n robh fàradh aig an Fhamhair, 's gu'n cuireadhe am fàradh ris a' chreig uair anns na seachdbliadhna, agus an uair a gheabhadh na bha guh-àrd a' sireadh a nuas tighinn a nuas, agus nabha gu h-iosal a' sireadh an àird dol an àird, gu'n

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!