12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

12 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 13aithne dhomh ceòl cho neo-Ghaidhealach ris a'cheòl a thig as a' phìob mhòir. Creid sibhse misea rinn mion-sgrùdadh anns a' chuis.Aig àm eile, thàinig an Creideamh Protestanacha dh' Albainn, agus 'na cois thàinig seinnnan Salm a rinn Daibhidh righ nan Israelach.Thàinig na Sailm sin à Sasunn, agus a' chuid mhòrde na fuinn ris an robh iad air an seinn. Anceann aimsir, dh' èirich e gu bhi fasanta anSasunn agus air a' Ghalldachd a bhi sìneadh ammach nan earannan de na fuinn a bha tighinn andèidh nan earannan canntaireachd. Cha robhSailm aig na Gaidheil gus a' bhliadhna 1659, nuairchuir Seanadh Earra-Ghaidheal an Ceud Caogadde Shalmaibh Dhaibhidh am mach. Cha'n ion achreidsinn gu'n robh am fasan seinn sin aig Gaidheilan taobh tuath roimh 'n bhliadhna 1700. Achis ion a chreidsinn gu'n d' thàinig e steach do'nGhaidhealtachd air a' cheart shlighe a thug naRòmanaich's na Sasunnaich fo Eideard's fo Chromwell,agus a' Bheurla Shasunnach, agus ioma rudeile. 'S e sin le bhi leantainn bonn nam beanntanmòra troimh Shiorramachdan Pheairt, An Fhorfhair,Abair-eadhainn, Mhoraidh, Ailginn, Ionbhar-Nàrainn, etc. Tha cuid a' meas gur anns a'Ghaidhealtachd a thàrmaich e; cuid eile a' smaoimtinngu'n d' thug saighdearan Gaidhealach asa' Ghearmailt e. Ach tha mi fèin a' meas gu'n d'thàinig e troimh 'n Ghalldachd bho Shasunn. Thaa' phìob mhòr air dol eug an sin cuideachd; gedbha miadh mòr oirre fad linntean an sin. Ach thaaon ni cinnteach: nach 'eil rud eile coltach ris anfhasan seinn air am bheil ar n-aire, an ceòl a thafìor Ghaidhealach. Ach bha e' na fhasan aig naGoill, na h-Eireannaich, agus na Sasunnaich a bhi'g atharrachadh sean fhonn air dòigh car coltachris an dòigh a tha air mhaireann 'san taobh tuathair seinn nan Salm.Cha chreid mi nach cuala cuid agaibh samhladhair seinn nan salm air a' mhodh fhada, aig a' Mhòdmu dheireadh. Air m' fhacal fìrinneach, chachuala mi fèin riamh rud a bha cho anabarrach aocoltachris an nì a bha e a' samhlachadh. Bha'n seinn car troimh chèile; cha'n aithnichinn airfuaim nan guth gu'm b' iad Gaidheil a' bha seinn;agus rud a bha uile gu lèir an aghaidh spiorad naseinn: bha co-sheirm ann. A thuilleadh air sin,chaidh an luchd-dreucd an aghaidh riaghailteana' Chomuinn nuair a thug iad air lom e. Oir thariaghailt ag ràdh, " The Association shall be nonsectarian."Cha chreid mi fèin gur ni math a bhi deanamhtaisbeanadh de neo-aghartas ar cinnidh aon chuidmu choinneamh ar sùilean fèin no sùilean arcoimhearsnach. Tha an dòigh seinn sin a bhi beògus an latha 'n diugh 'na aobhar-maslaidh d'arcinneadh; a chionn gu'm bheil e a' leigeil ris gursinne an t-aon sluagh air taobh an iar na Roinn-Eòrpa aig nach 'eil comas air ar cànain fèin aleughadh.Coma co-dhiùbh, tha e nochdadh gu'm b' urrainnd'ar sinnsear am fasan Gallda leantainn gun a

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!