12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

56 Qiiol a' BhairdGaol a' Bhaird 57toil aige facail bhruidhne fhaighinn a rithisd deFhlòiridh. Bha dhìth air cùisean fhaighinn air ammìneachadh.Tacan an deigh na h-iorghuill, bha Flòiridh airfalbh o'n taigh ag amharc chàirdean dhi. Bha igreasad dhachaidh am beul-na-h-oidhche. Bhabraonaibh mòra troma de uisge a' teannadh rituiteam. Bha gaoth làidir a' sèideadh le sgaleagalaich troimh na bealaichean, agus chluinnteriaslaich ghàbhaidh an tràsda sa rithisd mar a bhacraobhan aosda, daraich air an spìonadh às amfreumhan agus air an tilgeadh gu làr. Am bailbhebhig a thàinig air an doininn chuala Flòiridh lapancoise tighinn gu dlùth 'na deigh, agus, a' trusadha cleoca na bu sgiobalta mu'n cuairt dhi, thar i àsan deannaibh nam bonn. Cha b'fhada ruith i anuair a dh' fhairich i làmh air a gualainn, agus nab'fhaide cha b'urrainn dhi dol. Thionndaidh i,agus chunnaic i aodann bruaidleanach an teannainris an do chuir i cùl. Ach, O! bu mhòr am mùthadha bh' air tighinn air o'n choinnich iad roimhe.Bha shùil, a b'àbhaist a bhi dearrsadh le dealas agusgràdh, a nis air fàs Samhach agus luaineach. Bhaa ghruaidhean air teannadh a staigh agus airseachdadh mar gu'm b'ann le aois, agus bha fhaltceutach, bàn 'na chròic gun chìreadh a sìos m'aghuailne. Cha robh fios aig Flòiridh dè a theireadhno dheanadh i. Oha robh e an comas dhi ceum athoirt no glaodh a dheanamh, agus bha cobhair fado làimh." A Fhlòiridh," deir Ailean agus crith 'na ghuth," na crup air falbh uam. Oha robh mo chiall agaman oidhch ud. Abair rium, a cheist is a thasgaidh,gur ann ri feala-dhà a bha thu."Oha d'thuirt ise diog, ach dh' fhalaich i a h-aodann 'na basan agus thòisich i ri gul. Thaomesan am mach a chridhe dhi, ach cha b'fhada gusan do thuig e gu'n robh a bhriathran an dìomhain." A Fhlòiridh, an ann mar so a tha ? " dh' eighe gu h-àrd; " an e so duais mo ghaoil dhuit ? Nachinnis thu dhomh."Oha d'thug i freagradh air ach guileag chaoinidh."A Fhlòiridh," ars esan a rithisd, "amhaircorm, mo chaileag bhòidheach. Seall air an fheardo'n do gheall thu gaol do chridhe. Dh' fhadaichd'aghaidh mhàlda ann mo chom gaol gun cheann,gun chrìch, ach air leam a nis gu'm bheil sealladhdo shùl air tionndadh gu teine ifrinn no beithirbhorb nan speur. Thàinig mùthadh mòr agusiongantach ort, 'eudail nan nighean. Chaill doghuth a chiuine agus a chaoine, agus is amhuil a 1nis e ri sgread neo-chaoimhneil a' chlamhain. Càitam bheil an suairceas ? c' ait am bheil am banalas ?agus c'àit am bheil an t-eireachdas a b'àbhaist a bhi'g ad chuartachadh, eadhoin mar fhalluing ? Thamo shùilean air at le deuraibh—deuraibh a thadiultadh sileadh. Tha mo chridhe fo phràmh agusfo iomaguin. Tha m'anam air cromadh a sìos fobhròn agus fo mhulad nach urrainn mi chur dhìom.Tha m'inntinn agus mo bhuadhan air fàilneachadh.Och is duine truagh mi, ciod a dh' èireas dhomh !

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!