12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

\40 Thall 's a bhosThall 's a bhos 41àite gle iomallach de'n dùthaich anns an robhmòran sluaigh aon uair, ach far nach 'eil an diughcìobair fèin, mur a tig e sgrìob as an ath bhaile.Ach, co-dhiùbh, air an àm so, bha na daoine lionmhoran Tir-earagoin; agus bha Calum air aoidheachda' cheud oidhche an tigh a' chùbair. Marbu dual e bhi, far am biodh Calum na Craige cursuas, nuair thàinig àm na cèilidh, bha tigh a'chùbair làn bho'n dorus gus an teintean.Thòisich Calum air na h-ùirsgeulan: feadhainnùra do'n t-seann luchd-èisdeachd, agus cuid de 'nt-sean fheadhainn do'n òigridh nach cuala roimheiad bho bheul Chaluim fèin—is cha b'e h-uile beul aliùbhradh cho math iad. Bha sgeulachd thall's abhos, ach cha robh a stigh na chuireadh ite aCalum. Tha e coltach co-dhiùbh mu na ceart àmanso gu'n robh daoine a' cheart cho dèidheil air dola rùrach a' chroinn-a-tuath's a tha iad an diughfèin, agus gu'n robh euchdan nan sonn a bha curam beatha an cunnart 's 'gan call, cuideachd, choiomraiteach anns a' Ghaidhealtachd iomallaich's atha iad an diugh, ged is lìonmhor paipearan naidheachd'nam measg seach uair an ud.Air an oidhche so thàinig cuspair a' chroinn-atuathair bonn, agus dh' fheòraich an cùbair deChalum, 's e caogadh ri càch, " ciod e cho fada tuath's a chaidh thu fèin, a Chaluim, ri d' latha." ChartCalum a mhuineal agus ars esan gu simplidh socrach" An dà, chaidh mi aon uair cho fada tuath'sgu'n do chuir mi ceannag chònlaich an dorus nagaoithe tuaith." Cha robh fìanuis aig Calum airan so na's mò na th'aig cuid a tha tagradh creideasas leth gnìomh de'n t-seòrsa 'nar latha fèin,agus cha robh ach gabhail ris, ma b' fhìor."Ach," ars an cùbair, "an cual thu grìocailùird an taobh a stigh dheth sin ? "Smaointich Calum, agus gun umhail gu'n robhe ann an rib, ars esan: " An dà, nis bho na tha mitighinn gu'm chuimhne, saoil nach cuala."" Sin agad mise, ma ta," ars an cùbair, 's mi curcearcaill air baraille."Cha robh aig Calum ach fuireach sàmhach aira' cheist so co-dhiùbh, oir dhearbh an cùbair arèir fìanuis Chaluim fèin gu'n robh e na b' fhaidetuath.A nis, cha'n 'eil Calum na Craige ach marchoimeas air neart mac-meanmna nan Gaidheal oshean. Bhiodh e 'na chleachdadh air uairean abhi dol an comh-fharpuis ri chèile anns a' ghnèsgeulachd so. Dh' innseadh iad cho sgaiteach's abha feadhainn mu'n cual iad, leis an t-saigheid, mara bha Iain beag Mac Anndra bho Loch-abar, noDubh-shìth beag a bha 'n Ile. Bha feadhainn eilea bha barraicht' air a' pheileir, mar a bha fear cìssheachnaidhnuair bha'n aona chrannach gu bhi 'nsàs aig luath-luing an rìgh, 's a chuir e'm pine àulaid slait an t-siùil mheadhoin leis a' pheileir, 's athuit an seòl air clàr-uachdair na luath-luinge gusan d' fhuair an aona-chrannach as.Chualas mu fhear eile bha cho math air a'ghunna 's nuair a bhiodh e dol a chomharrachadhnan uan, nach deanadh e ach seasamh air cnoc,

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!