12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

8 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 9eile de litreachas—a chionn gu'n robh e gannagus iad fèin neo-oileanaichte 'na leithid. B' iadgnothaichean taobh an teallaich, gnothaichean a'bhaile bhig, gnothuichean an t-sean shaoghail,agus gnothuichean fuaighte ri cràbhadh is eachdraidh,agus iad uile air an iomairt leis an teangaidha mhàin a bu bhiadh inntinn do na Gaidheil ochionn fada.As an sin dh' èirich e gur iad an sgeulaiche'san t-òranaiche an aon dithis a thèid aca air cridhenan Gaidheal a ghluasad le'n ealain. Air anaobhar sin tha e fo mheachainn an dream sin—nasgeulaichean 's na h-òranaichean—a' Ghàidhlig athogail an àird no a leagail a bhàn. Cha'n fhaodaridir idir a ràdh gu'm bheil rùn a h-aoin diubh sudair a' Ghàidhlig a leigeil a dhìth; oir 's iad nasgeulaichean's na bàird ro-dhìlsean na Gàidhlig.As an eugmhais, c' àite'm biodh i an diugh ? Fona leacan. B' iadsan a chum air mhaireann anurram, mar chànain sgrìobhte, i; agus is iadsan atha 'ga cumail air a bonn air an latha 'n diugh.Ach ged a tha na bàird a' toilltinn mòr-chliù athaobh an dìlse, cha'n 'eil ar gnothuch riu annochd. 'S ann air an sgeulaiche a mhàin a tha arn-aire an tràth so. Tha 'm bàrd, is eagal leam,an impis dol 'na shuain. Ach tha 'n sgeulaiche, arleam, an impis mosglaidh; agus ma's glic sinne,bheir sinn rùsgadh sùilean air, gun mhòran dàilann.Ach arsa tusa: Ciod e an sgeul goirid ann.Ma ta, gheibh sinn sin am mach le bhi fiosrachadhciod è is ciall do'n fhacal " goirid." Tha fios againngu'm bheil an t-astar a tha eadar a' ghealaich agusan talamh goirid nuair choimeasar ris an astar atha eadar a' ghrèin agus an talamh, e. Ach, dh'aindeoin gu'm bheil sin mar sin, is urrainn dòmhsaa ràdh gu'm bheil an t-astar a tha eadar a' ghealaichagus an talamh ana-cuibheasach mòr nuairchoimeasar ri fad mo shròine fèin e; agus cha'nfhaodar a ràdh gu'n do bhuilich am Freasdal srònghoirid ormsa. Le sin tuigidh sibh gur facal annsam bheil ciall neo-shuidhichte, am facal " goirid ";agus air an aobhar sin is èiginn duinn crìochanfreagarrach d'ar beachd, a chur m' a thimcheallgach uair a chuireas sinn gu feum e, Ios gu'm biaig an fhear-èisdeachd fios air meud a' ghiorraid ath'anns an amharc.Theirinnse gur sgeul goirid an sgeul sin aghabhadh o cheathramh uair gu trì ceathramhanr'a aithris. Sin agaibh, co dhiùbh, an gnè sgeòil atha tighinn fasanta am measg luchd labhairt nacànain Shasunnaich; agus's ann de 'n dream sinsibhse agus mise fad na h-ùine, a' cumail am muighuair no dhà a chuireas sinn seachad aig Cèilidhnan Gaidheal air na h-oidhcheannan Di-Sathuirneair feadh a' gheamhraidh. Deanamaid na ghabhasdeanamh sinn fèin a chumail gun a bhi fo bhuaidhna cànain Shasunnaich, cha tèid againn air.Gheibh a' chànain sin làmh an uachdair air dòighon air dòigh eile. ' S i chànain leis am bheil an rìoghachdair fad air a riaghladh,; agus's i chànain annsaim bheil sinn uile a' cur air aghaidh ar gnothuichean

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!