12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

62 Gaol a' BhairdGaol a'Bhairdbhainnse dhi, a rèir a ghuidhe a rinn Ailean 'nadheifir.Cha d'thug mealltaireachd agus geallana bristeam mach toradh math riamh. Cha bhi soirbheachadhair fleasgaichean no air maighdeanan aignach bi suim d'am briathran agus d'am bòidean.Tha bròn agus mì-sheilbh a' leantainn gu dlùthan deigh cuilbheartan agus cluaineireachd. Chaseas a' bhreug gu bràth air a leth-chois.Ach, ciamar a dh'èirich do Ailean bochd andeigh bàs Flòiridh ?Mhothaich e gu math gu'n robh e 'na mheadhoinair ciorram eagalach. Ghreas e air falbho thaigh na bainnse—a bha nis air a thionndadhgu taigh bròin—ceart mar gu'm biodh an tubaisdàs a dheigh. Cha robh seachnadh aige air allt noabhuinn, air meall no monadh, ach air aghaidhdh'fheumadh e dol. Dè an rathad a ghabhe, no c'uin a stad e, cha d'fhuaireadh riamham mach. An uair a chunnacas a rithisde, bha a choltas air mùthadh deich uaireanna bu mhò na bha e riamh roimhe. Bhaa chiall agus a reusan gu buileach air a thrèigsinn,agus cho robh umhail aige do nì no do neach.Bha tàlant na bàrdachd, a bh'aige cho pailt, aira toirt gu buileach air falbh uaithe. B'ionmhuinnleis fhathasd a bhi tadhal nan coireachan agusnan coilltean, ach cha robh suim aige do'n àillidheachdno do'm maise. Thigeadh earrach agussamhradh, foghar agus geamhradh mu'n cuairt,aon an deigh aoin, a rèir cùrsa nàduir, ach chatogadh gin dhiubh fonn no sunnd 'na chridhe.Cò a shaoileadh gu'm b'e so esan a chuir ri chèilecuid de na duanagan bu mhilse agus bu ghrinn ea chaidh riamh a sheinn an Tir nam Beann ?Mar a dh'fhalbh a reusan, dh'falbh mar anceudna a chuimhne. Dh'fhaodadh neach labhairtris m'a thimchioll Flòiridh, ach cha lasadh a shùil,agus cha ghluaiseadh a spiorad. Bha gach comasbreathnachaidh air teicheadh, agus, gu cinnteach,b'e sin an dà latha.Air maduinn shònruichte thàinig e, agus gunfhios ro mhath aige c'àite an robh e dol, am fradharcan taighe san do chaochail Flòiridh, agus sanrobh a pàrantan fhathasd an tàmh. Air dhòighair chor-eiginn, thug sealladh na fàrdaiche so airais boisgeadh d'a chuimhne. Thog e an àirda làmhan agus dh'èigh e—•" A Fhlòiridh, a ghaoil, a ghaoil, faic t'Aileana nis!"Le so a ràdh, thuit e air ais gu trom air antalamh, agus an sin laidh e, gun làmh no casa ghluasad, no eadhoin osna a tharruing.Laidh e an sin fad mòran uairean, gus m'adheireadh am facas e le cuideiginn a bha gabhailan rathaid. Bha e fuar, marbh, amhuil mar phlocde'n talamh. Cha do leig an sluagh às an inntinnan cabhaig gach allaban a dh'fhuiling e. Cha mhòa leig iad air dì-chuimhn am mallachd searbh a thuge agus a chaidh a choimhlionadh air mhodh choiongantach agus cho soillear. Is tric a dh'aithrisearfhathasd an taigh na cèilidh eachdraidh Ailein

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!