12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

16 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 17am mulaid. Cha robh facal anns an sgeul a bhami-chubhaidh. Bha e air fad neoichiontach.A' cheud uair a ghabh Iain Camshron gu follaiseache, b'ann aig Mòd Ionbhar-pheobharain abha e. Bha e tighinn air aghaidh gu math leis,agus an luchd-èisdeachd a' faighinn mòran toilinntinnis aigheir as, nuair a chuir am ministearud grabadh air. Bha e 'na bhreitheamh aig a'Mhòd sin. Cha d' fhuair Iain duais ged bha echo soilleir ris a' ghrèin gu'm b' esan a b' fhèarr arinn.Aig àm eile bha am ministear ceudna 'nabhreitheamh aig Mòd; agus an àite bhi feuchainncò a b' fhèarr a bhuilicheadh ealain air leughadh,'s e bh' aige agus aig a sheise: feuchainn cò a b'fhèarr a dh' fhuaimnicheadh facail a roghnaicheadhna breitheamhan—cò a b' fheàrr a b' aithneleughadh gu'n aon ghràinne ealain a chur ann.Tha mi ag ràdh ruibh gu'm bheil tuilleadh's a'chòir de Ghaidheil ann leis am fuath ealain air abhuileachadh air an cànain fèin. Agus tha e a'tachairt gu tric gur iad an fheadhainn cheudna isdèine air ealain an coimh-cheangal ris a' chànainShasunnaich. Thoir dhaibh ni a tha sean gunealain, gun snas, agus ni iad aoradh dha. 'S annmar sin a bha am ministear a dh' ainmich mi muna seann sgeòil nuair thubhairt e gu'n robh iad" chaste."'S e mo bharail fèin a thaobh nan seann sgeulnach 'eil ach fear 'sa chòig dhiubh a tha ealantaidir; gu'm bheil cuid ann diubh nach eil laghachair aon dòigh 'san gabhar iad. An seann sgeul isbrèine chunnaic mi riamh, b' anns a' Ghàidhlig abha e air innseadh, agus bha e air innseadh gumath ealanta cuideachd. Ach is annamh a leithid'sa Ghàidhlig, ged tha gu leòir dhiubh an cànaineaneile. Ach cha'n 'eil neach ann a smaoinicheasgu ceart agus gu cothromach orra, is urrainn aràdh gu'm bheil mòran math anns na seann sgeòil.Faodaidh e bhi gu'n robh iad freagarrach do'n àma chaidh seachad; ach cha'n 'eil iad freagarrachdo'n latha 'n diugh. Is annamh iad nach deanadhEachann Mac Phaidein no Iain Mac Phaidein noIain Mac Cormaic na's fearr na iad. Agus athaobh a' chòmhnaidh a bheir iad do'n fhear a thafòghlum na Gàidhlig, tha iadsan fada am mearachda shaoileas gu'm bheil iad na's feàrr na leabhraicheaneile a dh' fhaodainn ainmeachadh guteagasg snas is loinn a chur air cainnt. Creidmise : Tha là na seann sgeulachd air dol seachad.Beachdaicheamaid a nis air na th' againn desgeulachd nach 'eil 'na sheann sgeulachd.A nìos gu linn an Teachdaire Ghaidhealaich—b' e sin 1830—cha robh aig na Gaidheil Albannachaon ni sgrìobhte d' am bu fhreagarrach an t-ainm"sgeul." Bha "Turus a' Chrìosdaidh" aca 'sabhliadhna 1812; agus bha " Nighean an airich "aca 'sa bhliadhna 1822. Ach b' iad sin sgeòilchràbhach a chaidh a dh' eadar-theangachadh o'nChànain Shasunnaich. Bha sgeòil no dhà Gaidh.ealach anns a' Chollection a thàinig am mach 'sabhliadhna 1828; agus bha " Màiri a' ghlinne," le

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!