12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

28 Thall 's a bhosThdll 's a bhos 29fallaine na cheart chladh so, no bho 'n fheàrrsealladh."A nis, cha'n 'eil fhios agam co-dhiùbh is e nonach e, blaomasdaireachd ainm is feàrr air ant-seòrsa seanachais so; ach thug an duine seachadbeachd glè mhath anns a' bhlaomasdaireachd fèin.Bha a' cheart chladh so uaireiginn an t-saoghailglè mheadhonach am measg an t-sluaigh. Bha efaisg air bailtean a bha làn chroitearan, ach achaidh a sguabadh air falbh feadh an t-saoghailgun aon sùil diubh fhàgail; agus b' e sin a bha 'nseann sealgair a' caoidh: tainead an t-sluaigh aguscha b'e gainnead nan tòrraidhean. Agus tha fiosagainn cuideachd nach robh na Gaidheil idir comac'àite 'n cuireadh iad duslach ri duslach, agusgu'm biodh iad a' taghadh àitean àrd, tioram, 'sambiodh ùir mhèineil mar dhachaidh bhuan d'ancàirdean. 'S e sin a bha 'n sealgair a' ciallachadhleis a' chladh a bhi fallan.Nis, b'e òganach Gallda a bha 'n seann sealgairso a' treòrachadh feadh còrsaichean is cladaicheanan Rois; agus coltach ri mòran de Ghoill a thèidgreis do'n Ghaidhealtachd, bha e làn spagluinn, esmaointinn gu'n robh mòran ann fèin nach robh idirann, agus am beachd nach robh dad anns naGaidheil leis an deach e a chur seachad a làitheanfèille, ach na chuireadh esan annta fad nan deichlàithean a bha e ri bhi 'nam measg. Tha mòranGhall a' smaointinn, bho nach 'eil Beurla loinneilaig na Gaidheil nach d'fhàg an dachaidhean riamh,nach eil sìon eil' annta na's mò; ach mu'n do dheal-aich am fear so ri Ruaraidh fhuair e shùileanfhosgladh na b'fharsuinne na bha iad riamh, aguscothrom gu leòir air a bheachdan air na Gaidheilatharrachadh cuideachd.Nuair a bha iad ag imeachd dh' ionnsuidh acheud chùirn, bha Ruaraidh ag innseadh eachdraidhis seann naidheachdan na dùthcha dha, isesan ag innseadh do Ruaraidh naidheachdan muGhlascho. Bha 'n gunna caol air a ghuala, is charobh clach no ploc a chitheadh e nach cocadh e 'ngunna, 's e 'g innseadh do Ruaraidh cho math's abha e air gunnaireachd. Bha Ruaraidh 'na dhuinecòir, socrach, creideasach, is bha e toirt cluais dogach nì bha 'n gille 'g ràdh.Ràinig iad an càrn. Chaidh an abhag a chur asteach, agus nuair thuigteadh gu'n robh beistdubh ann, dh' òrduich Ruaraidh an gille a sìos guoir na tuinne, far an robh an tràigh còmhnard,agus am faigheadh e an cothrom a b' fhèarr air a'bheist dubh a thilgeadh mu'n toireadh i mach a'mhuir. Thòisich iorghuill gharbh 'sa chàrn. Mudheireadh thog a' bheist-dubh am mach oirre, 'sa h-aghaidh air a dìdeann. Sìos an tràigh ghabhi, 's an cù 'na cliathaich. Chuir an gille an gunnar'a shùil leth-dusan uair; ach bha a' bhèist-dubha nunn's a nall, is cha robh e 'g amas air losgadh,is Ruaraidh 'na sheasamh air creig a' tàir air athaobh a h-uile cothrom a bha e leigeadh seachad.Mu dheireadh, thug a' bheist-dubh am mach a'mhuir, agus an dà chuid a chum an cothrom mudheireadh gun a chall, agus a chum a chliù fèin a

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!