03.04.2013 Views

The book Arran; - Cook Clan

The book Arran; - Cook Clan

The book Arran; - Cook Clan

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

304 THE BOOK OF ARRAN

achadh. Bha gach seana chailleach a bha 'comhnuidh aig ceann

mu thuath Arainn a' feuchainn cungaidh-leighis, ach an aite do'n

6ganach a bhi 'dol am feothas 's ann a bha e an sior dhol ni bu mhiosa.

Mu dheireadh, nuair a dh'fhailnich gach meadhon a chleachd iad,

thubhairt iad ri athair a' bhalaich e 'chur fios gu Seideig air an

Dotair Bhan, agus ma tha math an dan, faodaidh e bhi gu'n leighis

e an gille, 's mur leighis cha bhi aobhar criomchaig anns a' chfiis.

Ghabh athair an oganaich an comhairle, agus moch air an la'r-namhaireach

chuir e gille 6g a bha'nns a' choimhearsnachd air druim

a' chapuill bhuidhe aige fhein agus air an dearg chuthach gabhar an

gille sios gu Seideig air t6ir an Dotair Bhain. Bha an Dotair ainmeil

mar lighiche agus bha e air aithris uime gu'n d'fhuair e 'fhdghlum

o na sibhrich a bha 'comhnuidh fo th6rr a' chaisteil, agus gu'n

d'fhuair e ' eolas a' chronachaidh ' ^ o sheana chailleach mhdr Thorra-

Hn. Nuair a rainig an gille an Tormor thachair scan duine air a bha 'g

iomain nam bd thun a' mhonaidh, ' C'aite,' ars' an sean duine ' am

bheil thu 'dol a nis le leithid a dheifir air maduinn na Sabaide ?

Fhreagair an gille, ' Tha mac a' Ghaidseir an Loch Raonasa air choslas

a bhi dluthachadh air a' bhas, agus tha mi 'dol air t6ir an Dotair

Bhain.' ' Is duilich leam sin a chluinntinn,' ars' an sean duine, ' ach

feumaidh tu an aire 'thoirt dhuit fhein air an turns air am bheil thu.

Chomhairlichinn duit bad caorainn a chur am bun earball a' chapuill

bhuidhe, cleith math calltuinn a bhi agad 'n ad dh6rn, 'us ma

mhothaicheas thu laigse cridhe no cuirp a' tighinn ort, abair ' cronachas

do shiila ort ' ; '^ 'us bi cinnteach nach leig thu leis an Dotair a' cheud

sealladh fhaotainn air taigh a' Ghaidseir, air neo ma gheibh, agus

ma leighiseas e a mhac, gheibh thusa bas.' Thug an gille buidheachas

do'n bhodach, gheall e gu'm biodh e air 'fhaicill, 'us ghabh e a rathad.

Fhuair e an Dotair aig baile, agus bha e gle dhe6nach a dhol leis.

Dh'fhalbh iad an cuideachd a' cheile—an Dotair air gearran beag,

r6ineach, glas, agus an gille air thoiseach a' deanadh an rathaid.

Nuair a rainig iad Bealach-an-iomachairdh'fheuch an Dotair an ceum

toisich fhaotainn, ach thug am balach buille bheag do'n chapull am

bun no cluaise, 'is dh'fhag e an gearran glas air dheireadh. Nuair

1 ' Cronachadh ' here means incantation or exorcism, and ' eolas a' chronachaidh,'

a counter charm against the evil eye.

* Let the evil of thine own be upon thyself. Cronachas means a rebuke.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!