10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

AIR

Fear a Gklinue. 537

FEAR A' GHLINNE.

CAIB. I.

feasgar gruamach, fuar, mu thoiseach an eaiTaich,

o chionn iomadh bliadhna, bha Galium Ruadh, fear

an Taigh-osda, 's a' Ghlcann Mhor, 'na shuidhe gu comhfhurtail

'g a gharadh fheii. anns an t-seomar-chuil, far am

biodh e mar bu trice 'na shuidhe an uair nach biodh a'

bheag de luchd-falbh is tighinn a' tathaich an taighe. Bha

uinneag an t-seomair-chuil ris an aird an iar-thuath. An

drasta 's a rithist, an uair a thigeadh osnaichean troma dc'n

ghaoith, agus a shileadh fras chlachan-meallain, shealladh

e air an uinneig, agus theireadh e, " Nach neo-thaingeil

daoine aig am bheil an cas air tir a nochd ? Nach iomadh

fear a tha nochd gu fliuch, fuar, anasta, air bharr nan

tonn uaibhreach, a bheireadh na chunnaic e riamh mu

choinneamh a dha shul air son a bhi 'na shuidhe gu

seasgair, blath anns an t-seomar so?"

Bha Galium Ruadh gu nadurra 'na dhuine rasanta,

laidir 'na inntinn agus 'na dhoigh ; ach thug na chuala, na

chunnaic, agus na dh' fhiosraich e fad nan coig bliadhna

fichead a bha e 'siubhal an t-saoghail 's ag iarraidh an

fhortain, taiseachadh mor air a nadur. An uair a bhiodh

an t-side fuar, fliuch, fiadhaich bhiodh e 'cuimhneachadh

air a liuthad fuachd, agus fliuchadh, agus cruadal troimh 'n

deachaidh e fhein fad na h-uine a bha e air falbh o dhuth-

aich a bhreith is araich. Gha b' e sin a mhain, ach bhiodh

truas aige ris a h-uile creutair beo a shaoileadh e a bhiodh

fuar, fliuch, acrach. agus fada o aite anns am faigheadh iad

blaths agus fasgadh, ged nach biodh e idir deonach

gu 'n cailleadh creutair sam bith ni sam bith a bhuineadh

dha gu dligheach.

Air an fheasgar so, bha e 'ga fhaireachadh fhein

anabarrach taingeil. Bha cuibhrionn mhath de storas an

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!