10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

648 The Highland Monthly.

do na Lochlannaich a dh' aon latha, ar neo tha cumhachd

aca thairis air gaoith 's air fairge ni 's mo na th' agamsa.

Ach ma chaidh Bearnag nighean Righ Lochlainn ri mathair

fhein bheir i dulann do neach sam bith le druidheachd.

Bha mathair arms an sgoil duibh comhladh riumsa, agus

ma bha, cha bu chli i."

" Chuala mi gu 'n d' fhuair a mathair bas mu 'n d'

thainig ise gu aois," arsa bean Ridire nan Ard."

" Ma fhuair," arsa Laidhream, '* cha robh a' bhan-altrum

ris an d' earbadh Bearnag a bheag air dheireadh air te sam

bith a bha beo ri' latha 's ri' linn. Faodar a bhith cinnteach

gur nighean mar a' mhathair Bearnag ; ach ma gheibh mise

leam a' cheud chleas mu 'n teid ise 'na faireachadh, theid

gach cuis leam gu m' mhiann."

Ghrad rug Laidhream air a' bhrod-ghriasaich agus stob

i anns an teine e. B' e so a' cheud chleas. Cha 'n fhaodadh

i fuarachadh a leigeadh leis a' bhrod-ghriasaich gus am

biodh a h-uile cuis seachad. Thuirt i ri bean Ridire nan

Ard, " Bi falbh dhachaidh cho luath 's is urrainn thu, agus

cuir fios ugamsa c'uin a tha duil aig Righ Lochlainn seoladh

do'n Bheirbhe. Cha tog mise a' ghaoth gus am bi iad

seoladh latha agus oidhche air falbh, air eagal gu 'n dean

an stoirm call air cabhlach Righ nan Eileanan. Cha 'n

fhaod mise falbh o mo bhruthaig air eagal gu 'n teid an

teine bas air a' chagailte. Cha deachaidh e bas o chionn

corr is ceud bliadhna. An latha 'theid e bas caillidh mise

da thrian dhe m' chumhachd."

Dh' fhalbh bean Ridire nan Ard dhachaidh 's i gle

riaraichte le a h-obair latha. An ceann latha no dha 'na

dheigh sin thainig soirbheas fabharrach o'n deas 's o'n iar-

dheas, agus rinn Righ Lochlainn deas air son a bhith

'falbh. Gu moch 'sa' mhaduinn an la-iar-na-mhaireach

thogadh na siuil bhana, bhaidealach ri crannaibh, agus thug

Righ Lochlainn le a thri fichead long an cuan mor fo

'cheann.

Cha bu luaithe a thog na Lochlannaich air falbh o'n

chladach na chuir bean Ridire nan Ard i fhein an ordugh

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!