10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

646 Ihe Highland Monthly.

b' fhearr a ghabhadh a' chuis deanamh. Cha fhreagradh

e dhith air dhoigh sam bith cur a mach air Righ nan F.ile-

ann ; oir b' e Ridire nan Ard aon de na daoine bu disle

do'n Righ a bha an taobh a staigh de chriochan na riogh-

achd gu leir. Nam faigheadh an Ridire am fiosrachadh bu

lugha mu 'n chuis, cha bhiodh latha sithe aice ri 'beo. Bha

meas mor aice fhein air an Righ, agus nan deanadh i ni

sam bith 'na aghaidh, chailleadh i a diieadh-ghean fhad 's

bu bheo i. Cha robh a' chuis a' dol bhar a h-inntinn a

latha no dh' oidhche.

Latha dhe na laithean 's i gu dluth a' smaoineachadh

mu'n chuis, bhuail e anns a' cheann aice gu rachadh i far

an robh seann duine a bha dluth dhith, agus gu'n cuireadh

i a comhairle ris. Rinn i so. An uair a rainig i taigh an

duine so, bha iognadh mor air ciod idir an gnothach a

bhiodh aig bean Ridire nan Ard risan, agus nach robh ann

ach duine bochd, lapach, air nach sealladh cuid de mhor

mhaithean na rioghachd ge b' e air bith aite anns an

tachradh iad ris. Coma co dhiu an uair a chaidh a' bhean

uasal, urramach so far an robh e, labhair i ris gu

caoimhneil, cairdeil ; agus dh'innis i dha gu saor, soilleir

ail t-aobhar air son an d'thainig i. Bha e greis 'na thosd,

agus mu dheireadh thuirt e rithe.

'A bhean mo ruin, tha eagal orm gu bheil sibh a'

gabhail os laimh rud a dheanamh nach eil idir furasda

ri dheanamh. Ma thuit an Righ agus nighean Righ

Lochlainn ann an trom ghaol air a cheile tha eagal

orm nach' eil doigh air cur eatorra ni's lugha na

theid agaibh air an dara aon dhiubh a chur gu bas. Tha

fhios agaibh gur olc ro mhor an Righ a chur gu bas. Is

esean ar Righ dligheach, agus cha choir a chur gu bas idir.

Ma theid agaibh air nighean Righ Lochlainn a chur gu bas,

faodaidh sibh sin a dheanamh. Ach tha eagal orm nach

'eil e furasda a cur gu bas. Tha i an comhnuidh ann an

cuideachd a h-athar, agus cha bhi e furasda do neach sam

bith greim fhaighinn oirre. Ma tha doigh sam bith air cur

as dhith, 'se a bathadh an aon doigh. Tha seana bhean

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!