10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fear a Ghlinne. 709

bu truagh a' chulaidh-fharmaid mi nam bithinn fiach suip

'nad' eisimeil," arsa Callnm Seoladair.

Fhad 's a bha Galium a' labhairt nam briathran searbha

so ris a' Mhaor, cha dubhairt fear seach fear de chach aon

fhacal. Bha lan-fhios aca gu robh am Mhaor iomadh uair

a' deanamh moran nithean nach fhuilingeadh an solus

fhaicinn. Cha b' urrainn iad seasamh air a thaobh le

ceartas, agus idir cha labhradh iad 'na aghaidh. Cha robh

diog a' tighinn a ceann a' Mhaoir ; bha amhrus math laidir

aige gu robh Callum Seoladair a' feuchainn ri' chasan a

chur OS a chionn. Mar sin b' fhearr leis fuireach samhach.

Coma CO dhiu, chaog am Maor a shuil ri Seumas a'

Bhrosgail. Thuig Seumas gle' mhath gu robh toil aig a'

Mhaor e'chur facal a steach air a thaobh. Rinn Seumas

mu dheireadh casad, agus thuirt e :— " Is iongantach leam

f hein, a Challuim, do leithid-sa de dhuine aig am bu choir

fiosrachadh a bhith, gu labhradh tu briathran cho dana 's

cho mi-iomchuidh 's a labhair thu 'n drasta fhein. Tha

fliios agad gu bheil am Maor ann an suidheachadh moran

ni's airde na thu fhein, agus air an aobharsin bu choir dhut

urram a thoirt dha a reir a shuidheachaidh. Tha e

sgriobhte gur coir urram a thoirt dhasan do'n dlighear

urram."

" Ciod e," arsa Callum, " a chuir esan ann an suidh-

eachadh a's airde na mise ? An e a' mhaoirneachd a bhith

aige ? Ciod e is fhiach sin ? Am bheil e firinneach,

onarach, dileas, durachdach, ceart, caoimhneil, cairdeil,

cinneadail, trocaireach ? Ma tha, bheir mise urram. dha ;

ach mur 'eil, cha'n urrainn mise o m' chridhe barrachd

urraim a thoirt dha na bheir mi dhut fhein, ged nach 'eil

thu ag itheadh greim, an latha bhios tu ann an cuideachd

a' Mhaoir, ach bonnach a' bhrosgail. Ge b' e air bith co

labhras, bi thusa 'na do thosd. Dithis a tha gun mheas

anns an duthaich, thu fhein agus Domhull Maor. Mar a

tha 'n sean-fhacal ag radh, Dithis tha coltach ri' cheile, Mo

chu fhein 's mo shealgair'. Is fhad o 'n a chualas an rann

a tha 's radh :

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!