10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Fear a GlUinne. 645

's na Rioghichd air a chumai) an ain-fhios oirre. Mun

robh Righ nan Eileanan agus nigheann Righ Eirinn aig

aois posaidh, rinneadh cumhnanta suidhichte ann an

Luchairt Righ na h-Eirionn, far an robh Teaghlach

Rioghail nan Eileanan car nine air aoidheachd, gu'm

posadh Prionnsa og nan Eileanan nighean Righ na

h-Eirionn cho luath 's a bhiodh iad aig aois posaidh. Aig

an am 'san d' rinneadh an cumhnauta so bha h-uile coltas

gu robh tlachd aig a' Phrionnsa og agus aig a' Bhana-

Phrionnsa oig dha cheile. Mar is minic a thachair thainig

atharrachadh air inntinn a' Phrionnsa oig. A thaobh an

t-suidheachaidh arns an robh iad, agus cho fad 'sa bha an

da Luchairt o cheile, cha robh iad a coinneachadh a cheile

ach robh ainneamh. Cha ruigear a leas ioghnadh a

ghabhail ged a dh' fhas Righ nan Eileanan suarach mu

nigheann Righ Eirinn, oir, mar a tha 'n sean-fhacal ag

radh. "An uair a theid fad' o'n t-suil, theid fad' o'n

chridhe." The sean-fhacal eile ann mar so, " Fuath a'

ghuillain a cheud leannan."

Cha d' thainig atharrachadh sam bith air inntinn

nighean Righ Eirinn. Cha 'n fhaca i fear riamh mu

choinneamh a da shul a ghabhadh i a roghainn air Righ

og nan Eileanan. B' ann air a bhiodh i a' smaointean fad

an latha, agus a' bruadar fad na h-oidhche.

An uair a bha bean Ridire nan Ard ann an Eirinn, leig

nighean an Righ ris a h-inntmn dhith gu saor, soilleir.

Dh' earb i rithe suil a bhith aice air Righ nan Eileanan, air

eagal gu 'n teannadh e ri deanamh suas ri te sam bith eile.

Gheall ise do nighean an Righ gu 'n deanadh i mar a bh'

air iarraidh oirre. Thug so oirre a bhith ni bu leirsinniche

na b' abhaist dhith a bhith. Mar a chaidh ainmeachadh

mar tha, thuig i gu lan-mhath gu 'n do thuit nighean Righ

Lochlainn agus Righ nan ICileanan ann an trom-ghaol air

a cheile.

Ged a bha bean Ridire nan Ard lan-shuidhichte 'na

h-inntinn air cur eadar Righ nan Eileanan agus nighean

Righ Lochlainn, cha robh fhios aice ciod an doigh air am

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!