10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

540 T-he Highland Monthly.

naigheachd eile a' tighinn thun nan tri tuathanach mora a

bh' anns an aite.

Bha am ministear 'na dhuine ciuin, samhach, agus mur

tachradh do neach ceisd a chur air mu thimchioll cuisean

na rioghachd, cha tugadh e guth no iomradh air naigheachd

dhe na bha e 'leughadh o sheachduin gu seachduin.

Cha b, ionnan sin 's mar a bha Domhull Sgoileir. Cha

robh naigheachd, bheag no mhor, a bha e 'leughadh eadar

da cheann na bliadhna nach robh e deas gus an aithris aig

am sam bith. Bha cuimhne cho math aige 's gu robh

daoine, a bha eolach air, a' creidsinn gu rachadh aige air a

h-uile ni a chunnaic 's a chual' e o'n a bha e ceithir bliadhna

a dh' aois innseadh. Bha cuid eadhon a' creidsinn gu robh

cuimhne aige air far an robh an cruisgean an crochadh

an oidhche a rugadh e. Biodh so fior no na bitheadh, cha

'n 'eil t-eagamh nach robh Domhull Sgoileir neo-chumanta

math gus gach ni a a chluinneadh 's a chitheadh e a

chumail air chuimhne.

Mar bu trice, an uair a rachadh e a chur greis dhe 'n

uine seachad anns an Taigh Bhan, bhiodh e fhein agus

Galium Ruadh comhladh anns an t-seomar chuil. Bha e

a' meas nach b'aite dha idir a bhith 'na shuidhe anns an

t-seomar oil, a bha fosgailte do gach neach a thigeadh no

dh' fhalbhadh. Ach an uair a thigeadh fear de ne tuath-

anaich mhora do 'n Ghleann, chuirteadh do 'n t-seomar a

b' fhearr a bh' anns an taigh iad. B' e, An Seomar Ur, a

theireadh muinntir an taighe. agus mar an ceudna na

h-eolaich, ris an t-seomar so. O 'n a chaidh an t-ainm fada

's farsuinn gu robh gu 'm b' e Domhull Sgoileir fear-

cuideachd cho math 's a bh' eadar da cheann na duthcha,

cha robh duine uasal no iosal a bhiodh a' gabhail an rathaid

agus a thaghladh anns an taigh-osda, nach biodh anabarr-

ach deonach a bhith car uine. nam faodadh iad, ann an

cuideachd Dhomhuill Sgoileir. Nam biodh duil aig aon

dhe na tuathanaich mhora an oidhche, no eadhon greis

dhe 'n latha, 'chur seachad anns an Taigh Bhan, chuireadh

iad fios ro laimh eu robh iad an duil tisfhinn, agfus dh'

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!