10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

642 The Highland Monthly.

briagha dluth air laimh. A reir choltais gu robh na tri

latha de'n luchar a th' anns an Fhaoileach a' toiseachadh

air a' mhaduinn ud.

An uair a dh' eirich Mac 'ic Alasdair 's a ghabh e a

bhiadh maidne, bha e air son sealladh fhaotainn air an

aite, o'n a bha an latha cho briagha. B 'e Disathuirne 'bh*"

ann ; agus o nach robh Domhull Sgoileir a' cumail na

sgoile air Disathuirne, 's ann a rinn Mac 'ic Alasdair suas

gu falbhadh Galium Ruadh agus Domhull Sgoileir comhladh

ris a dh' fhaicinn cuid dhe na h-ioghnaidhean a bha

mor-thimchioll a' Ghlinne.

" Co dhiubh a theid sinn gu iochuar a' Ghlinne no gu

uachdar a' Ghlinne an diugh," arsa Galium Ruadh.

dair ;

" Biodh sin aig bhur toil-se, fheara," arsa Mac 'ic Alas-

" Cha 'n 'eil annamsa ach coigreach, agus o'n is

aithne dhuibhse cur na duthcha gu leir, rachamaid an

diugh do'n aitc a' s dluithe air laimh."

" Theid sinn sios gu iochdar a' Ghlinne, ma ta, o'n is e

a's fhaisge dhuinn. Chi sinn ioghnadh no dha ann mu 'ni

till sinn," arsa Domhull Sgoileir.

B' ainneamh aite an robh gleann cho maiseach ris a"

Ghleann Mhor. Bha e coig mile air fad, agus mu mhile

gu leith air leud. Bha amhainn a' ruith troimhe ris an

canadh iad, an Amhainn Chruaidh. Fhuair an amhainn

an t-ainm so, a choinn gu robh na bruaichean aice gle chas

a nuas o a braighe gu faisge air a leith. Theirteadh, Am.

Bail'-Uachdrach ris a' bhaile tuatha a bha ann am braighe

'Ghlinne, agus am Bail'-Iochdrach ris a' tuatha a bha ann;

an iochdar a' Ghlinne, faisge air bun na h-aimhne. Bha

rathad mor troimh 'n Ghleann o cheann gu ceann. B'ann

dluth air a' Bhail'-Iochdrach a bha 'n Taigh Ban ; agus an

latha ud an uair a thug na fir an' aghaidh air an aite 'dh'

ionnsuidh an robh iad a' dol, bha aca ri dhol troimh 'n

Bhail'-Iochdrach. Mu 'n am ud de 'n bhliadhna cha b'

urrainn daoine a bheag a dheanamh air obair a muigh ;

ach

o'n a bhiodh moran feamann a' tighinn a dh' ionnsuidh

a' chladaich a h-uile geamhradh is earrach, ann am bagh

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!