10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fear a Ghlinne. 707

Mar bu trice an uair a rachadh na ceithir ud sios druim

air dhruim, dh' fheumadh riaghailt a rogha rathad a thoirt

oirre, nam b' urrainn i idir a casan a sheasamh.

Cha robh muinntir nam bailtean a bha dluth air an

Taigh Bhan dad ni b' fhcarr no ni bu mhiosa na muinntir

bhailtean eile naduthcha. Gheibhteadh a h-uile latha 's a'

bhliadhna fir 'nam measg a dh' oladh, nam faodadh iad, gus

am biodh iad air leith-iomall na daoraich. Is ann ro

ainneamh, air a shon sin, a gheibheadh iad :.n cothrom air

iad fhein a chur 'na leithid sin de shuidheachadh truagh

anns an Taigh Bhan. Cha d' thugadh Galium Ruadh, no

idir a bhean, boinne uisge-bheatha do dh' fhear sam bith

air am faiceadh iad coltas na daoraich. Is minic a thuirt

Galium, an uair a chithcadh e fear sam bith a' fas tuilleadh

is blath leis an uisge-bheatha:— " Gha 'n fhaigh thu deur

tuilleadh an diu^h. Tha mi am barail gu bheil gu leor

agad, mur 'eil tuilleadh 's a' choir agad. Gha 'n 'eil dad

a's lugha orm na duine sam bith 'fhaicinn air an daoraich

a' falbh o m' thaigh. Agus rud eile dheth, am fear a's trice

a chi mi 's a chluinneas mi 'san t-seomar oil, 's ann air is

lugha mo mheas. Tha uair aig an achasan is am aig a'

cheilidh. Nam biodh duine fliuch, no fuar, no sgith, no

tinn, tha mi 'creidsinn nach bu mhisde e glaine de dheadh

stuth ; ach ni 's mo na sin cha 'n orduichinn dha a

ghabhail. Gheibh mise reic do m' chuid uisge-bheatha

gun teagamh. Mur faigh, is fhearr learn gu mor e bhith

anns an togsaid gu socair, samhach, far nach cluinnear

uaithe guth mor no droch fhacal, na e bhilh ann am

broinn a h-aon sam bith dhe do hheorsa-sa."

Theireadh Galium Ruadh so riutha suil mu'n t-sroin ;

ach ged a theireadh, leigeadh iomadh fear dhiubh a h-uile

guth dheth a steach air an dara cluais agus a mach air a

chluais eile. Tha 'n sean-fhacal ag radh gu bheil comhairle

a thoirt air mnaoi bhuirb mar bhuille uird air iarunn fuar ;

ach faodar a radh le firinn nach fhearr na sin comhairle a

thoirt air fear na misge.

Air feasgar araidh, co a bha 'nan suidhe mu 'n bhord

anns an t-seomar oil ach Domhull Maor, Alastair Taillcar,

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!