10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Fear a Ghlinne. 647

anns an aite so aig am fheil comas air gach long a theid air

saile a chur 'sa' ghrunnd. Bha i uine fhada anns an sgoil

duibh, agus theid aicc air a' ghaoth a thogail, agus air an

fhairge a chur gu beuchdaich air a' leithid a dhoigh 's nach

urrainn long seasamh ris a' bheag sam bith a dh' uine. Ma

theid sibh far am bheil i cha'n 'eil teagamh nach dean i gach

ni a dh' iarras sibh oirre a dheanamh. Is e, Laidhream

Odhar Nic an Laoich, is ainm dhith. Tha i 'fuireach leatha

fhein ann am bruthaig gu h-ard anns a' mhonadh faisge air

Bealach a' Bhochdain. Mur cuir sibh saod math oirre, is

docha nach dean i ni sam bith de na dh' iarras sibh oirre.

Rachaibh far am bheil i gun dail, agus faighibh a mach

ciod na beachdan a th' aice. Mur tuig sibh a doighean,

thighibh gun dail far am bheil mise, agus faodaidh e bhith

gun teid agamsa air seoladh a thoirt dhuibh air an doigh

anns an fhearr a gheibhear saod math a chur oirre."

Dh' fhalbh bean Ridire nan Ard far an robh Laidhream,

ach ma dh' fhalbh, cha b' e sin an t-astar beag. Bha aice

ri dhol thar aimhnichean is bhogaichean mun do rainig i

Bealach a' Bhochdain. Chuir i failte is furain gu cridheil,

caoimhneil air Laidhream, agus chuir Laidhream failte is

furain a cheart cho cridheil oirrese. Gu fortanach bha

Laidhream an latha ud ann an saod anabarrach math, agus

an uair a dh' innis bean Ridire nan Ard dhith an turus air

an d' thainig i, dh' eisd i rithe le mor aire.

" Ma thogras sibh," arsa Laidhream, " cuiridh mise do 'n

ghrunnd, no air na creagan, a h-uile long a th' aig Righ

Lochlainn."

" Ma ni thu sin," arsa bean Ridire nan Ard, " tha d' aran

fuinte. Bidh seomar grinn, glan, agad anns a' chaisteal

agamsa fhad 's is beo thu. Tha mi cinnteach gu 'n toir

nighean Righ na h-Eirionn dhut a h-uile ni a mhiann-

aicheas tu."

" Cha 'n 'eil mi ag iarraidh ni sam bith oirbh fhein no

air nighean Righ na h-Eirionn. Cha 'n fhagainn mo

bhruthag bhochd fhein air son a' chaisteil a 's fhearr ann an

ceithir Ranna Ruadha an t-saoghail. Ach cuiridh mi as

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!