10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fear a Ghlinne. 541

iarradh iad air Galium Ruadh fios a chur gu Domhull

Sgoileir. O nach robh am Bail' Uachdrach ach mu thri

mile o 'n Taigh-Bhan, cha bhithteadh fada 'cur fios gu

Domhull, agus cha mho na sin a bhiodh Domhull fada 'cur

nan tri mile as a dheigh. Cha trobh e ach mu choig

troidhean a dh' airde, agus bha e cho direach air a dha

bhonn ri mac mathar anns an duthaich. O nach robh e

ach gle aotrom ann am feoil, bha e 'na choisiche anabarrach

math. Ged a bha e aig an am mu 'm bheil sinn a'

sgriobhadh, dluth air leith cheud bliadhna a dh' aois, cha

saoileadh neach sam bith a chitheadh a' coiseachd an

rathaid e, gu robh e latha thar deich bliadhna fichead. An

uair a bha e eadar fichead is deich bliadhna fichead a

dh' aois, 's e fear bu luaithe a bh' anns an duthaich gu leir.

An uair a bhiodh e ruith, shaoileadh duine nach beanadh

cas do thalamh dheth. Bhiodh e mar an trilleachan 'na

dheannamh ri cois na tuinne.

' Tha mi ro thoilichte, 'Dhomhuill, gu 'n d' thainig tu,

ged a tha an oidhche cho fuar 's cho fiadhaich. Fhuair mi

litir an de o do dheadh charaid, Fear na Cuil-Airde, agus

bha e ag radh gu robh duine uasal, a thainig as na rioghachdan

thall, toileach beagan sheachduinean a chur seachad

anns an aite so; agus gu robh e ann an dochas gu rachadh

agamsa air an da sheomar a's fhearr a th' anns an taigh a

thoirt do'n duine uasal so fhad 's a bhiodh e anns an aite.

Dh' ainmich Fear na Cuil-Airde mar an ceudna gu robh

toil mhor aig an duine uasal so thusa bhith 'na chuideachd

cho trie 's a b' urrainn dhut. Tha 'chuis coltach gu 'n

deachaidh d'ainm-sa fada 's farsuinn ; oir chual' an duine

uasal so ann an Duneideann gu bheil fiosrachadh agus colas

agadsa mu sheann nithean 's mu nithean ura nach fhaighear

aig fear eile 's an duthaich. Nach fhada o 'n a thuirt mi

riut gu 'm biodh tu 'na do dhuine ainmeil mu fagadh tu an

saoghal," arsa Galium Ruadh.

" Tha tomhas riaghailteach a dh' eolas agam mu iomadh

ni gun teagamh ;

ach is iomadh fe--r aig am faodadh

barrachd eolais a bhith air na th' agamsa. Cha mhise an

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!