10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

53S The Highland Monthly.

t-saoghail so aige. Bha e fhein 's a bhean 's a theaghlach

slan, fallain ; agus bha taigh os cionn a chinn cho math,

agus cho ordail air a chumail 's a gheibhte eadar da cheann

na duthcha. Rud eile dheth, 's ann aige a bha an aon

bhean-taighe, ged is mor am facal e, cho ciuin 's cho

siobhalta, cho glic 's cho deanadach, agus cho eireachdail

anns gach doigh, 's a gheibhteadh anns an tir gu leir. Bha

fhiach sin de mheas aige oirre. An uair a ghabhadh e

glaine no dha de 'n uisge-bheatha—agus cha 'n fhacas

riamh tuilleadh 's a' choir air—bu ghle thoil leis greis a

thoirt air innseadh a liuthad Ion agus lodan as an do chuir

e steall, an uair a bha e 'dol tarsuinn a' mhonaidh g' a

faicinn mu 'n do phos iad. " Cha robh fear eile air an

taobh air an robh mi de 'n duthaich," theireadh e, " a

rachadh troimh 'n mhonadh mhor cho glan 's cho sgiobalta

rium, no idir cho trie rium. Mar a thuirt an seann duine :

" Far am bith do chradh bidh do lamh, 's far am bi do

ghradh bidh do thathaich."

Air an f heasgar so, cha robh coltas gu 'n tigeadh fear

seach fear a mach air toll doruis de na ceatharnaich a

b' abhaist a 'bhith tighinn a fhliuchadh na ribheid do 'n

Taigh Bhan, mar a theirteadh gu cumanta ris an Taigh-

osda.

" Saoil thu, Mhairi," arsa Galium ris a mhnaoi, " an tig

Domhull Sgoileir as a' Bhaile Uachdrach a nochd ? Dh'

earb is dh' aithn mi ris tighinn air a h-uile cor ; ach tha

coltas ro fhiadhaich air an fheasgar, agus gu cinnteach

ceart cha 'n 'eil a thuar air an t-side gun atharraich i ann

an aithghearr. Tha am Faoileach 'ga chur fhein an geill

gu sgoinneil."

" Tha mise an dochas nach tig Domhull Sgoileir a

nochd. Is e teas an teine bhith ann an luirgnean fir sam

bith a bheireadh air a dhol ceud slat o a dhorus fhein a

nochd, ni 's lugha na bheireadh bas, no eiginn air a dhol a

mach," arsa Mairi.

" Chunnaic mise ceud rud a b' iongantaiche leam na ged

a bhiodh e ann an so mu 'n dorchnaich an oidhche. An

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!