10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

544 '^^^^ Highland Monthly.

gheibh e. Ma bha e ann an Ceann-loch' a raoir, 's gu 'n

d' fhalbh e an diugh, bidh e agaibh a nochd gun teagamh

sam bith. Tha Ceann-locha coig mile fichead as a so.

Stadadh iad a thoirt siol do 'n each an'^ an Cul-fraoin. 'S

ann an sin a b' abhaist do na gillean aig Caimbeulach

Clieann-locha bhith stad leis na h-eich an con:ihnuidh, agus

tha mi cinnteach gu 'n dean iad an diugh mar a b' abhaist

dhaibh a bhith 'deanamh."

" Feuch, a Mhairi, gu bheil na seomraichean an ordugh

agad gun fhios ciod a dh' fhaodas tachairt," arsa Galium.

" Tha na seomraichean deas, glan. Chuir mi plaide-

achan ura, glana air an leabaidh, an deigh dhaibh a bhith

greis ris an teine. Cha bu mhath leam gu faigheadh neach

sam bith a bhiodh an so air chuid oidhche galair a bhais le

laidhe ann am plaideachan aitidh. Tha pailteas connaidh

againn, agus faodar deadh theine a chur anns an da

sheomar air achd 's gu 'm bi iad blath air choinneamh an

duine uasail ma thig e nochd," arsa Mairi.

O 'n a bha h-uile duil aca ris an duine uasal an oidhche

ud fhein, rinneadh deiseil gach ni a shaoileadh iad a bhiodh

a dhith air. Lasadh na soluis anns na seomraichean, agus

chuireadh deadh theine anns gach fear dhiubh.

" Deasaich thusa, 'Mhairi, deadh shuipeir, agus mur a

tig an duine uasal a nochd, ithidh sinn fhein i. Cha chall

rud a gheibh caraid," arsa Galium.

An uair a bha 'n t-suipeir deas 's nach robh coltas gu 'n

tigeadh an duine uasal an oidhche sin, shuidh an teaghlach

mu 'n bhord. Bha Domhull Sgoileir 'na shuidhe aig deaslaimh

bean-an-taighe, far am minic an robh e. Gha b' i a'

chuirm gun a comhradh a bh' aca ;

oir bha araon Domhull

Sgoileir agus Galium Ruadh 'nan dithis co comhraitcach

aig bord cuirme 's a gheibhteadh ann an aite sam bith.

Bha iad le cheile 'toirt creideis do 'n t-sean-fhacal a tha 'g

radh, nach fhiach cuirm gun a comhradh.

Mu 'n d' eirich iad o 'n bhord thainig fios a stcach gu

robh an duine uasal ris an robh suil aca air tighinn. Ghrad

chaidh Galium a bhruidhinn ris, ag^us a shealltainn an

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!