10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

542

The Highland Monthly.

t-aon fhear anns an duthaich aig am bheil suilean is

cluasan. Nam feuchadh gach fear is te ri feum a dheanamh

dhe 'n suilean 's dhe 'n cluasan, cha b' eagal nach rachadh

aca air iomadh eolas agus fiosrachadh fhaotainn," arsa

Domhull Sgoileir.

" Ach, a Dhomhuill," arsa Galium Ruadh, 's e 'freagairt,

"cuimhnich thusa nach ann aig a h-uile fear a tha na

buadhan inntinn a th' agadsa. Bha thu gu nadurra geur

gu nithean a thuigsinn. Tha cuimhne gle mhath agamsa

guS an latha 'n diugh, mar a bha thu cho math gu ionnsachadh

an uair a bha thu anns a' sgoil aig Piri. Bha do

chuimhne cho math an uair sin 's nach robh thu 'call facal

dhe na bha thu 'g ionnsachadh. Gun teagamh sam bith

bha thu anabarrach dichiollach, curamach aig do leabh-

raichean.

— 's e sin a theireadh daoine eile cho dhiu—ach an uair a

" Cha 'n 'eil teagamh nach robh inntinn gle gheur agam

dh' fhas mi scan 's ann a thuig mi gu Ian mhath gu

feumainn m' inntinn a shuidheachadh, le mor aire, air gach

ni bu mhiann a chumail air chuimhne. Ghluinn mi iomadh

neach ag radh gu bheil droch cuimhne aca ; ach 's ann aca

nach 'eil. Ma ni mise no thusa dad cearr, theid mi 'n urras

gu 'm bi cuimhne aca air. Nach iongantach mar a tha

daoine gu nadurra ni 's deonaiche cuimhne 'chumail air an

olc na tha iad air a' mhath ? Ged nach bi cuimhne aig

daoine air a' mhath a bha, neo-ar-thaing nach bi cuimhne

aca air an olc a bha. Ach eadar dha sgeul, an d' thug

Fear na Cuil-Airde beachd-sgeul dhut air an duine uasal

mu 'n robh thu 'labhairt o chionn tiotaidh?" arsa Domhull.

" Ma ta cha d' thug, a Dhomhuill," arsa Galium, " agus

tha Mairi 's mi fhein car eadar dha chomhairie. Is leasg

leinn an duine uasal a mhealladh. A reir mar a tha mise

'tuigsinn na litreach, tha h-uile duile aige beagan sheachd-

uinean a chur seachad 's an aite so. 'S e so fhein an aon

taigh a tha freagarrach airson a leithid de dhuine ; ach tha

car a dh' eagal oirnn le cheile nach teid againn, mu 'n am

so de 'n bhliadhna, air gach biadh a thoirt dha, a b' abhaist

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!