10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

The Highland Monthly.

ni sam bith a shaoileadh e a chuireadh tasdan na phocaidj

no a shaoileadh e a chordadh ris an Uachdaran. Chuir

ioghnadh air moran de mhuinntir na duthcha an uair

a chuala iad gu'n d' rinneadh 'na Mhaor e. Cha

bhuineadh e idir do 'n (/uthaich, Cha b' urrainn neach

sam bith a thuigsinn ciod air an t-saoghal a thug air an

Uachdaran Maor a dheanamh dheth. Aig an am ud blia

moran dhe na h-Uachdarain an duil gur e coigreach a b'

fhearr a dheanadh feum mar Mhaor, no mar Bhailidh, na

fear a bhiodh air a bhreith 's air 'arach anns an duthaich.

Cha do chuidich am beachd so leis na h-Uachdarain idir.

Mar bu trice, bhiodh na daoine a gheibheadh a bhith 'nam

Maoir 's nam Bailidhean gle' mhor asda fhein, agus ag

amharc sios air tuath an aite mar nach b' airidh iad air

meas sam bith fhaotainn. Ann am measg na tuatha, bha

agus tha, daoine cho firinneach 's cho onarach 's cho

maiseach caitheamh-beatha anns gach doigh ri daoine sain

bith air am b' urrainn neach eolas a chur. B' ainneamh a

gheibheadh a h-aon dhe na daoine coire, measail, a bha am'

measg na tuatha, aite fhein o na Maoir. B'ann ris na

daoine bu shuaraichea bhiodh anns an duthaich a dheanadh

na Maoir mar bu trice companas. Cha ruigear a leas

ioghnadh a ghabhail ged a theirear, " Maoir is madaidh,''

mar ghnath-fhacal ann an iomadh aite de'n Ghaidhealtachd

gus an latha 'n diugh.

Choisinn Domhull Maor deadh-ghean bean an Uachda-

rain le gniomh a dheanamh nach fhuilingeadh an solus

fhaicinn. B' ann air son a' ghniomha so, bha cuid a' cumail

a mach, a fhuair e bhith 'na Mhaor. Bha fhios aige gu

aodadh e moran dhe 'thoil fhein a dheanamh. Cha

leigeadh an t-eagal leis an tuath bhochd gearain a chur a

steach thun an Uachdarain 'na aghaidh. Bha amhrus laidir

aca gu 'n deanadh e dioghaltas orra cho luath 's a gheibheadh

e an cothrom. An aon tuathanach a rinn-gearain

'na aghaidh, cha robh aige air a shon ach a chuid fearaiim

a chall, agus an duthaich fhagail. Thug so am misneach

o gach fear, gu ire bhig, a bh' anns an aite. Neo-ar-thaing

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!