10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Fear a GJdinne. 649

air son falbh far an robh Laidhream. Thug i leatha gu

leor de gach ni a b' fhearr na cheile a bha staigh aice, air

ghaol gu'n cuireadh i saod air Laidhream. Fada no goirid

'gan d' thug i air an rathad, rainig i mu dheireadh. Bha

Laidhream deas gu toiseachadh ri togail na gaoithe. Bha

am brod-griasaich teith ; bha ballan mor luma-lan meig aice

air meadhon an urlair, agus cuach fhiodha 'snamh ann.

Chaidh i steach do chuil dhorcha a bh' ann an ceann shuas

na bruthaig, agus chuir i uimpe luireag is barlag is currac

ard na druidheachd. Bha an slacan-druidheachd 'na

laimh-dheis. Sheas i aig an teine bheag a bh' air a'

chagailte, agus chuir i a cas-dheas air a' cheann nach robh

anns an teine de'n bhrod-ghriasaich ; chuir i a cas-chli ann

am bac na slabhraidh, agus thoisich i air gabhail an ranna-

ghail a leanas :

Sgrios gun fhuigheall

Horo naille,

Air Righ Manus

Horo naille,

'S air a chabhlach

Horo naille,

Chuid nach loisgear

Horo naille,

Dhiubh gu'm bathar

Horo naille,

Gonadh guineach

Horo naille,

Bhith air Bearnaig

Horo naille.

Mar a' bha Laidhream a' dol air a h-aghaidh leis an

rannaghail so, bha a' chuach-fhiodha a sior dhol mu 'n

cuairt anns a' bhallan mheig, gus mu dheireadh an do

thoisich am meag ri dhol na broinn. Mu dheireadh dh'

fhas a' chuach cho Ian 's gu 'n deachaidh i fodha.

A reir mar a tha an sgeula air aithris, bha an cuan

a' beuchdaich fo sheideadh na gaoithe direach mar a bha

am meag air a ghluasad anns a' bhallan. An uair a chaidh

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!