10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fear a Ghlitme. 545

t-seomair-chadail 's an t-Seomair-Uir dha. Dh' fhcoraich

e dheth an robh e air greim suipearach fhaotainn, agus ciod

a b' fhearr leis a dheanamh deas dha. Fhreagair an duine

uasal, agus thuirt e gu robh e araon fuar agus acrach, agus

gu 'm bu mhath leis biadh is deoch fhaotainn cho luath 's a

ghabhadh deanamh.

" Tha 'n oidhche fuar, fiadhaidh," ars' esan ;

" agus tha

iad ag innseadh dhomhsa nach 'eil ni a's fhearr a chuireas

fuachd an Fhaoilich a cnamhan duine na Ian na sHge de

dhriuchd nam beann. Gabhaidh mi biadh sam bith a

thachair a bhith deiseil agaibh. Bu choir dhomh bhith air

fios a chur ugaibh gu robh e 'nam bheachd a bhith an so a

nochd ;

ach

thuig mi nach 'eil sibh a' faighinn litrichean an

so ach aon uair 's an t-seachduin, agus o nach ruigeadh litir

sibh gus an ath sheachduin, cha bhiodh e chum feuma sam

bith 'sgriobhadh do 'r n-ionnsuidh. Tha mi 'n dochas nach

'eil mi 'cur tuilleadh 's a' choir de dhragh air muinntir an

tciighe cho anamoch so air an oidhche."

" Cha 'n 'eil e 'na dhragh sam bith leinne frithealadh

sam bith a tha feumail a dheanamh dhuibh," arsa Galium ;

" tha sinn ro thoileach a h-uile comhfhurtachd a's urrainn

duinn a thoirt do neach sam bith a thig a dh' ionnsuidh an

taighe. Fhuair mise fios o Fhear na Cuil-Airde gu robh

sibh a' fagail Dhuneideann aig toiseach na seachduin, agus

bha sinn a' deanamh a mach gu 'm biodh sibh an ,

so a

nochd, no uair-eiginn am maireach, mur tigeadh ni sam

bith 'n 'ur rathad a chuireadh grabadh oirbh. Rinn sinn

gne de dh' ulluchadh air bhur soi) a nochd fhein, agus tha

sinn gle thoilichte gu 'n d' thainig sibh. Fada no goirid

• gu 'm bi sibh an so, cha 'n 'eil agaibh ach ni sam bith a

bhios a dhith oirbh iarraidh, agus gheibh sibh e, ma theid

againn air a thoirt dhuibh. Ma's e bhur, toil e, an innis

sibh dhomh co dh'.ainm a th' oirbh."

" 'S e m' aiiun, Seumas ^lac Alhic Alasdair," ar.b' an

duine uasal.

" Bha teaghlach ro choir agus ro urramach de 'n ainm

sin aon uair anns an aite so ; ach cha 'n 'eil a nis beo dhe'n

35

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!