10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fea7' a Ghlinne. 711

chluinneas mi e 'cur a h-uile facal Beurla a's aithne dha,

air feadh na Gailig. Na daoine a's foghluimte agus a 's

turaile a th' anns an duthaich, mar a tha Mr Seumas agus

Domhull Sgoileir, bruidhnidh iad rium mu gach ni a

thachras anns an duthaich, agus is gann a their iad aon

fhacal Beurla ged a bhithinn 'nan comhradh o mhoch gu

dubh. Cha bu tu mi fhein. Chaith mi dluth air fichead

bliadhna dhe mo bheatha ann am measg dhaoine aig nach

robh facal Gailig, agus cha do leig mi riamh fhathast as mo

chuimhne a' Ghailig a dh ionnsuich mi an uair a bha mi

og. Cha bhi aig Gall ri' innseadh do Ghaidheal gu 'm

bithinn cho beag meas air mo chainnt fhein 's gu 'n

dcanainn a leithid. 'Am fear air am bheil sinn a' bruidhinn,

tha Gailig aige moran ni 's fhearr na tha i agadsa agus 's i

mo bharail nach do chaith e a' bheag dha 'shaoghal anns a'

Ghaidhealtachd."

Cha do chuir fear seach fear dhe na bha 'san t-seomar

an aghaidh diog dhe thuirt Galium Seoladair. Bha fhios

aca gu robh Alasdair Taillear 'na bhauscaire gun tur, agus

gle' mhor a's fhein. Agus ged a bha Galium Seoladair cas,

crosda an uair a chitheadh 's a chluinneadh e rud nach

cordadh ris, bha e 'na dhuine cho caoimhneil 's cho turail

's cho tuigseach 's a gheibhteadh dhe 'sheorsa ann an

duthaich gu leir. Cha chualas riamh e ag radh facal

cainidh air chul cinn duine sam bith. Neo-ar-thaing nach

moladh e daoine air chul an cinn, nam biodh iad 'na

bheachd-san airidh air am moladh ; ach nam biodh ni sam

bith aige ri radh an aghaidh duine, an aite teannadh ri ruith

sios air chul a chinn 's e theireadh e, " Stadadh esan gus am

faic mise e, agus innsidh mise e fhein dha." Ged nach 'eil

e taitneach do dhuine a bhith 'g innseadh dha suil mu 'n

t-sroin co e fhein, is e moran is taitniche le duine na 'n cul

chaineadh. Ged bu bheag air am Maor, cha b' aill leis aon

fhacal a radh 'na aghaidh mur biodh e ann an larach nam

bonn gu seasamh air a shon fhein.

Cha robh tlachd aig neach sam bith de'n Mhaor. Cha

robh ann ach duine suarach 'na dhoighean. Dheanadh e

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!