10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

7IO The Highland Monthly.

' Maoir is madaidh,

Saoir is sagairt,

Coin is gillean is ceardanan'.

Sin agad, ma ta, mo bharail ort fhein 's air a' Mhaor."

Bha eagal air Alastair Taillear, gu 'n eireadh tuasaid

eadar na fir, agus ghrad labhair e, agus thuirt e. " Tha iad

ag innseadh dhomiisa gur & foreigner a th' anns an duine

air an robh sibh a' bruidhinn o chionn tiotaidh.

Bha e 'comhradh riumsa ann am beurla, agus tha

mi 'smaointean leis an tone agus leis an accent a th' aige>nach

buin e idir do 'n duthaich so. Cha chreid mi gu

bheil e eolach air climate cho damp agus cho fuar ris a'

chlimate a th' againne anns an duthaich so idir. Bha 'n

driver a thainig leis a Ceann-locha 'g innseadh dhomhsa gu

robh e direach a shiveradh leis an fhuachd. Bha eagal air

an driver gu starvigeadh e mu ruigeadh iad an Taigh Ban.

Bha 'n driver ag radh nach fhac' e duine riamh a' s mo

giulan aodaich na e. Bha rug anns an robh deadh

eallach m'a chasan ; bha plaid mor glas tnr7i no dha m'a

chom air uachdar an top-coat ; bha muffler mor, ciatach m'a

amhaich ; agus bha sealskin cap m'a cheann. Shaoilinn

fhein gu 'n cumadh na bha sid blath e ged a bhiodh e ann

a' Hudson's Bay."

Ma chuir a bhith 'moladh a' Mhaoir dragh air inntinn

Challuim Sheoladair, 's e chuir 'inntinn buileach troimh a

cheile, an co-thlamadh a bh' aig Alasdair Taillear air Beurla

's air Gailig. Cheangladh duine 'b' fhearr ciall na e.

Bhuail e' dhorn air a' bhord, agus thuirt e, " Alasdair, tha

mise ag radh riut gu m' pronn mi na do chraicionn thu mur

grad sguir thu 'bhith 'truailleadh na Gailig. Is gann a

theid agad air do dhinneir iarraidh le do chuid Beurla

mhosaich. Far am biodh daoine 'labhairt Beurla cha b'

urrainn dhut do bheul fhosgladh. Ach tha thusa agus a

h-uile amadan dhe do sheorsa an duil gur aithne dhuibh

Beurla chruaidh Shasunnach a labhairt, ma thachras dhuibh

a bhith leith-bhliadhna anns a' Bhaile-mhor. Foghnaidh eleam

de chomharradh air gu bheil duine gun tur an uair a

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!