10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

644 ^-^^^ Highland Monthly.

fleadh mhor mar chuimhneachan air latha breith Bearnaig,

agus bha Righ nan Eileanan a lathair aig a' chuirm mhoir

so. Gu tubaisteach ciod e a rinn Righ nan Eileanan ach

tuiteam ann an trom-ghaol air Bearnaig nigheann Righ

Lochlainn, agus thuit ise ann an trom-ghaol airsan. O'n

a bha meas cho mor aig a h-athair oirre, dheonadh e ni sam

bith a dh' iarradh i air. Chomhairlich i dha cuirm mhor

eile a dheanamh, agus cuireadh a thoirt do mhor mhaithean

Rioghachd nan Eileanan gu' leir. Chuir i an ire dha gu'm

biodh an Righ agus uile mhaithean na Rioghachd 'ga

mheas mar urram ro mhor nan deantadh cuirm mhor mar

onair dhaibh. Ach ged a chuir i so an ire dha h-athair, cha

robh ni 'na beachd ach a' chuid a b' fhearr de 'n nine, nam

faodadh i, a chur seachad ann an cuideachd Righ nan

Eileanan. Dh' aontaich a h-athair leatha, agus rinneadh a

h-uile deisealachd air son na cuirme. Bha moran de

dhaoine urramach na Rioghachd a lathair aig a' chuirm

agus mhair i seachd latha agus seachd oidhche. Fhuair

Bearnag agus Righ nan Eileanan uair is uair cothrom air a

bhith 'comhradh ri' cheile fhad 's a mhair a' chuirm 's am

fleadhachas. Rinn iad cumhnanta teann mach posadh iad

gu brath mur a faigheadh iad a cheile phosadh. Bha fhios

aca le cheile gu Ian mhath mach robh feum dhaibh an ni

a bha 'nam beachd innseadh do Righ Lochlainn.

Ged a bha iad an duil nach d' thug neach de na bh' aig

a' chuirm an aire dhaibh, bha bean Ridire nan Ard aig a'

chuirm. agus bha i a' gabhail beachd air a h-uile car a bha

iad a' cur dhiubh fad na h-uine. Thuig a' bhean so gle'

mhath mar a bha cuisean, agus shuidhich i gu 'n cuireadh i

eadar Bearnag agus Righ nan Eileanan. Bha fhios aice

gu robh cumhnanta posaidh eadar Righ nan Eileanan agus

nigheann Righ na h-Eirionn. Bha i fhein car uine ann an

Eirinn, agus o'n a bha i 'na nighean agus 'na bean Ridire,

fhuair i de dh' urram 's de dh' onair a bhith gu math trie

air bhorda-mora ann an Luchairt Righ na h-Eirionn.

Chuir i mar so eolas air an Teaghlach Rioghail ; agus cha

robh diomhaireachd sam bith a bhuineadh do chuis an Righ

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!