10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

546

The Highland Monthly.

treibh ach an aon duine. Tha e air tighinn gu aois : 's i

mo bharail nach bi e a' bheag a dh' uine beo ; oir tha e air

an leabaidh o chionn tri bliadhna 'S e Fear-a'-Ghlinne a

theirear ris. 'S e is uachdaran air a' Ghleann so, agus air

moran de'n fhearann a tha air gach taobh de 'n Ghleann,"

arsa Galium ;

gun 'ur suipeir."

" ach tha mi 'g ar cumail tuilleadh is fada

" Cha 'n 'eil, cha 'n 'eil. 'S ann is math learn beagan

comhraidh a bhith eadrainn. Dh' innis mo charaid, Fear

na Cuil-Airde gu robh duine anns a Ghleann so a tha

anabarrach fiosrach mu sheann eachdraidh na duthcha,

agus bhithinn ro fhada 'n 'ur comain nan cuireadh sibh aon

de na seirbhisich le litir d' a ionnsuidh 's a' mhaduin am

maireach. 'Sea tha 'na Mhaighstir Sgoile anns an sgire-

achd so."

" Faodaidh sibh 'fhaicinn am maireach. Thainig e an

so feasgar, agus o 'n a tha 'n oidhche cho fiadhaich, cha 'n

fhalbh e dhachaidh a nochd. Tha mi fhin 's e fhein gle

mhor aig a cheile. Bha sinn comhladh anns an sgoil ; agus

og 's mar a bha sinn aig an am, bha sinn 'n ar dluth-

chompanaich. Chum sinn suas an cairdeas riamh o 'n uair

ud ; agus mar sin, is gle thoigh leinn a bhith ann an

cuideachd a cheile," arsa Galium,

" Bhithinn fada 'n 'ur comain nan iarradh sibh air

tighinn far am bheil mi gun dail, agus nan tigeadh sibh

fhein maille ruinn. Cuiribh a steach, ma 's e bhur toil e

botul de 'n uisge-bheatha a's fhearr a th' agaibh. Cha

mhisde sinn beagan dheth an am a bhith 'cur eolais air

a cheile," arsa Mac 'ic Alasdair.

Rinneadh gach ni mar a dh' iarr e ; agus

o 'n a bha toil

aca nan triuir eolas a chur air a cheile, cha do chuireadh

dragh sam bith orra ; agus bha iad a' comhradh anns an

t-seomar gus am faca iad iomchuidh gabhail mu thamh.

[bi LEANIUINN].

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!