10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

7o8 1 he Highland Monthly.

Seumas a' Bhrosgail, Galium Seoladair, agus dithis no

triuir eile dhe na fir bu trice a bhiodh a' tathaich an Taighe

Bhain. An uair a dh' ol iad stop no dha chaidh iad, mar

bu ghnath leotha, gu bruidhinn aird 's gu boilich 's gu

brosgal.

" Ach am bheil fhios agaibh, fheara, co e an duine uasal

a thainig a dh' fhuireach do 'n taigh so o chionn ghoirid ?

Tha e mar gu 'm biodh e car an aghaidh gu faigheadh

daoine mach cia as a thainig e, agus ciod an gnothach

a thug do 'n Ghleann e mu 'n am so de 'n

Galium Seoladair.

bhliadhna," arsa

" Gha 'n'eil fhios agam fhein gu dearbh," arsa Domhull

Maor ; "is tu fhein, a Ghalluim, an aon fhear an so aig am

bu choir fios a bhith air a h-uile ni. Tha thu 'cumail

a mach gu bheil fiosachd agad. Faigh a mach ma ta, anns

an t-seasamh bonn co e an duiue uasal a tha fuireach anns

an Taigh Bhan."

" Tha aon ni air am bheil fios agam co dhiubh, agus 'se

sin nach 'eil boinne de 'n fhuil uasail a' ruith ann ad'

chuislean-sa. Neo-ar-thaing nach 'eil am pailteas de 'n

uabhar 's de 'n bhosd ann. Gha ruig thu leas idir a bhith

cho mor asad fhein 's a tha thu. A righ, bu bheag a b'

fhiach thu a' cheud latha 'chunnaic mise thu. Bha d

ordagan mosach a mach troimh na brogan, agus cha robh

de 'n aodach mu do chroit na chuirinn eadar mi 's a' phoit

'ga toirt bhar an teine. 'S ann a bha thu coltach ri ceard a

bhiodh 'na shuidhe an oir an teine agus laghaid 'na dhorn

a' deanamh spainnean. Tha thu nis 'nad' mhaor, agus tha

do shron a cheart cho ard ri Beinn Nibheis leis a' mheud-

mhoir. B' fhearr dhut gu mor, fada, fichead, deanamh air

do shocair. Ghunnaic mi da rud dheug a b' iongantaiche

leam na ged a bhiodh do shron gle' iosal mu 'm fag thu an

saoghal. O nach 'eil fearrann agamsa ri thoirt uam cha

ruig mi leas eagal a bhith orm an fhirinn ghlan innseadh

dhut suil mu 'n t-sroin. Gha 'n 'eil achridhe agad fhein no

aig fear eile dhe do sheorsa mo chur a mach air muir no air

locha. Ach gu cinnteach ceart nam bodh fearann agam.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!