10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

7o6 1 he Highland ALoiUlih.

na tiom a bh' ann o shean. Bidh fear eilc air fas seachd

sgith de 'n trod 's de 'n chanran a bhios aig a mhnaoi ris a

latha 's a dh' oidhche gun fhios c'ar son, agus air ghaol

faighinn as a beul theid e do 'n Taigh-Osda, agus gabhaidh

e Ian no dha a chum am mi-thoileachadh agus an dragh-

inntinn fhuadach air falbh. Is cinnteach gur e fear dhe

na daoine so a rinn an t-oran anns am bheil na briathran a

leanas :

" Ma theid mi 'n taigh-osd',

Bidh mo bhean a' trod riunrx ;

Ma dh' olas mi stop,

Bidh mo bhean a' trod rium ;

Ma bhios e ni's mo,

Bidh mo bhean a' trod rium ;

Air a h-uile doigh

'S cinnteach dhomh bhith trod rium."

Faodar a bhith cinnteach gu 'm bi an gobha uair is

uair a' fliuchadh a sgornain anns an Taigh-Osda. Co nach

cuala iomradh air an t-sradaig a chaidh ann am beul a'

ghobha ? Tha e coltach gu bheil an t-sradag so

anabarrach doirbh ri' bathadh.

Feumaidh am piobaire uair is uair a bhith 'gabhail deur

beag, cha 'n ann a chionn gur toigh leis drama, ach a

chionn gu 'n dean faileadh an uisge-bheatha bhith bhar

na h-analach aige, feum mor do ghothaichean, do ghleus,

agus do mhal na pioba.

So ma ta cuid dhe na leithsgeulan a th' aig daoine air

a bhith 'g ol. Cha leigheas an t-ol idir air na galairean a

tha iad a' gearain. Ach nan gabhadh iad le beagan 'ol cha

bu leith-ghearain. Feumar an da shuil a fhliuchadh, agus

an uair a bhios an da shuil fliuch, feumar rud eiginn eile a

fhliuchadh, Cha bhi guth no iomradh air riaghailt, ar neo

ma bhitheas, 's i an riaghailt a leanas a bhios ann :

Ol a h-aon, cha 'n 'eil e math,

Ol a dha, cha 'n fhiach e,

Ol a tri, 's cha bhi thu cli,

'S e ccithir righ riaghailt.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!