10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Fear a' Ghlinne. 539

rud a ghabhas e 'na cheann, cha chuir an saoghal as e.

Agus o 'n a dh' iarr mise air tighinn, thig e gun teagamh,

ma ghabhas e 'na cheann tighinn," arsa Galium.

Mu 'n gann a leig Galium am facal as a bhcul, co a

nochd a steach an dorus ach Domhull Sgoileir.

" Failte 's furain ort, a Dhomhuill, 's tu a thug leat an

droch shide as a Bhaile Uachdrach," arsa Galium.

" Is e mo mhor bharail, a Challum, gu robh an droch

shide agaibh 's a' Ghleann mu 'n d' thainig mise an rathad

idir. Ach cha mhor is fhiach fear sam bith ris an canar

fear, ma chumas leithid na h-oidhche nochd a staigh e.

Bha mi latha dhe mo laithean nach cumadh uisge no

gaoth, sneachda no fuachd a staigh mi," arsa Domhull

Sgoileir.

" 'S luaithe deoch na sgeul. A nail dhuinn deur as a'

bhotul, a Mhairi ; tha Domhull fuar, fliuch, agus tha mi

fhein gu seasgair, blath. An rud a chumas a muigh am

fuachd cumaidh e muigh an teas," arsa Galium.

Thug Mairi lamh air a' bhotul, agus chuir i air am

beulaobh air a' bhord e. An uair a bhlais iad beagan de

na bh' anns a' bhotul, thoisich iad ri comhranh mu chaoch-

ladh nithean a bha tachairt anns an duthaich.

Anns an am ud cha robh fear as a' cheud a' faotainn

paipear-naigheachd eadar da cheann na bliadhna. 'S e sia

paipearan-naigheachd a bha 'tighinn gu riaghailteach do 'n

sgireachd. Bha Mr Seumas, am ministear a' faotainn fir,

agus o 'n a bha maighstir-sgoile na sgireachd, no Domhull

Sgoileir, mar a theirteadh gu cumanta ris, 'ga mheas fhein

faisge air a bhith cho ionnsaichte ris a' mhinistear, dh'

fheumadh e fios a bhith aige air cia mar a bha gnothaichean

a' dol air an aghaidh air feadh an t-saoghail. Cha

robh Galium Ruadh, ged nach robh ann ach fear taigh-

osda 'ga mheas fhein dad air dheireadh air a' mhaighstir-

sgoile, agus mar sin, bha e 'faotainn paipear-naigheachd

dha fhein. An uair a thigeadh am post uair 's an

t-seachduin, gheibheadh na fir so naigheachdan a chumadh

riutha gus an tigeadh an ath phost. Bha na tri paipeirean-

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!