10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Zbc IDiQblanb flftontbl^.

EDITED BY

DUNCAN CAMPBELL, Editor, "Northern Chronicle,"

ALEXANDER .MACBAIN, M.A., F.S.A.Scot.

No. 47. FEBRUARY, 1893. Vol. IV.

CHA

FEAR A' GHLINNE.

CAIB. IL

bhiodh e feumail aig an am so iomradh a thoirt

air a' chomhradh a bha eadar Galium Ruadh,

DomhuU Sgoileir, agus Mac 'ic Alasdair, no idir air an

staid anns an d' fhag iad am botul, agus anns an d' fhag

am botul iad, mu 'n do dhealaich iad ri' cheile an oidhche

ud. Ma fhliuch gus nach do fhliuch iad an da shuil aon

uair no da uair, cha 'n 'eil fhios againn. Cha robh na

daoine coire a bh' anns a' Ghaidhealtachd 's an am ud idir

cho deas gu bhith faotainn coire do chach a cheile 's a tha

cuid de mhuinntir an latha 'n diugh. Bha cairdeas is

comunn is gaol 'nam measg 'san am ud nach fhaighear an

diugh ach gle ainneamh ann an aite sam bith. Faodar a

radh mu 'n triuir dhaoine coire so, gu robh iad mar thriuir

bhraithrean, gu reidh, reumail, caoimhneil, cuideachdail

comhraiteach gus an do shaoil iad gu robh an t-am aca

gabhail mu thamh, gu 'n do chaidil iad cho trom ris a'

chloich, agus gu 'n d' eirich iad 's a' mhaduinn an la-iar-na-

mhaireach a cheart cho sunndach ris an uiseig.

Bha 'mhaduinn moran ni b' f hearr na bha 'n oidhche,

agus bha thuar air an latha gu robh beagan nine de shide

41

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!