10.04.2013 Views

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

The Highland monthly - National Library of Scotland

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Fear a Ghlinne. 543

dhuinn a bhith 'toirt do na daoine a bhiodh a' taghal oirnn

's an t-samhradh. Cha 'n 'eil e idir furasda iasg ur no feoil

ur fhaotainn mu 'n am so de 'n bhliadhna. Cha 'n 'eil

uighean nan cearc fhein pailt mu 'n am so ann an aite sam

bith. Ach neo-ar-thaing nach 'eil am pailteas againn de 'n

t-seorsa a tha cumanta am measg dhaoine cumanta mar a

tha sinn fhcin. Agus theid mise an urras gu 'n deasaich

Mairi biadh cho grinn 's cho glan ri te eile 's an duthaich,

Tha fhios agad fhein, a Dhomhuill, air a so gle mhath."

Anns an fhacal co thigeadh a steach ach Mairi. Ghrad

dh' innis na fir dhith mu 'n chomhradh a bh' eatorra.

" Cha 'n fhabd sinn," arsa Mairi, " duine sam bith leis

am miann tighinn a ghabhail seallaidh air an aite a chumail

am muigh. Ma bhios e fhein toileach cur suas leis an

t-seorsa bidh a tha sinne 'cleachdadh, faodaidh e fuireach

an so fhad 's a thogras e. O 'n a tha Seumas 'na shealgair

cho math, faodaidh e iomadh uair crochadh na poite a

thoirt as na bheil de gheoidh 's de lachainn 's a dh' fhead-

agan eadar so 's ceann shuas a' Ghlinne. Tha eunlaith gu

leor mu 'n bhaile, agus faodar feadhain dhiubh a mharbhadh

an drasta 's a rithist. Cha truagh leam fear sam bith a

gheibh pailteas de 'n bhiadh a tha sinn fhein agus daoine

eile na duthcha a' gabhail."

" Tha sibh ceart gu leor, a bhean-an-taighe," arsa

Domhull Sgoileir. " Cha ruig fear sam bith a leas

teannadh ri talach air a' bhiadh a gheibh e anns an taigh

so. Cha truagh leam cu 's marag mu 'amhaich. Ach

c'uin a tha e 'tighinn ?

" Air son na bheil a dh' fhios againne faodaidh gu 'm bi

e an so fo thrath suipearach. Leugh fhein, a Dhomhuill

an litir a thainig a' m' ionnsuidh," arsa Callum Ruadh.

An uair a leugh Domhull Sgoileir an litir thuirt e,

" Cha rachainn mionaid an urras nach biodh e an so a

nochd fhathast. Gun teagamh sam bith tha 'n oidhche gle

fhiadhaich aig duine 's aig ainmhidh air son a bhith 'falbh

air astar. Ach feumaidh am fear-turuis, aig am bheil toil a

cheann-uidhe 'ruidhinn ann an am, cur suas leis an t-side a

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!